Duaisean an Earraich

Tha an t-àm sònraichte sin den bhliadhna air tighinn mu dheireadh thall. Chan e a-mhàin ’s gu bheil an samhradh gus a bhith againn ach tha sinn a dol a phàigheadh nan creideasan a tha sibhse air a chosnadh thairis air na trì mìosan a chaidh seachad. 

Tha sinn toilichte innse dhuibh gu bheil sibhse, thairis air na trì mìosan a chaidh seachad air 4,028 suirbhidh a lìonadh dhuinn. Bhuapa sin, tha sinn air £202 a thoirt seachad dha carthannas, nam measg Age Scotland, Cancer Research agus an SSPCA.

Thug sinn cuideachd seachad £1,341 dha iomadach buidheann coimhearsnachd. B’ iadsan còisirean, còmhlain pìoba, clubaichean iomain agus iomadach fear eile anns gach oisean den dùthaich. Ma tha buidheann agaibhse a bhiodh airson pàirt a ghabhail anns an sgeama a tha seo, cliog an seo airson am barrachd fiosrachaidh.

Mu dheireadh, phàigh sinn cuideachd £2,485 ann an eàrlas-bùtha do fheadhainn gu math fortanach agus tha sinn an dòchas gus cosg sibh air rudan snog e! 

Cumaibh suas an deagh obair! 

Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig

Instagram