Duaisean!

Ceitheir tursan sa bhliadhna, tha sinne aig Survey PRAEG a’ gabhail mòr-thoileachas à bhith a’ toirt dhuaisean seachad dhaibhsan a bhios a’ dèanamh shuirbhidhean dhuinn thairis air na trì mìosan a chaidh seachad.
Tha sinn toilichte innse dhuibh gu bheil sibhse, thairis air na trì mìosan a chaidh seachad air 3,718 suirbhidh a lìonadh dhuinn.
Bhuapa sin, phàigh sinn £2,285 ann an eàrlasan-bùtha do fheadhainn gu math fortanach agus tha sinn an dòchas gun cosg sibh iad air rudan snog!
Thug sinn cuideachd £158 seachad dha carthannas, nam measg Age Scotland, Cancer Research agus an SSPCA.
A bharrachd air an seo thug sinn seachad £1,373 dha iomadach buidheann coimhearsnachd. B’ iadsan còisirean, còmhlain pìoba, clubaichean iomain agus iomadach fear eile anns gach oisean den dùthaich. Ma tha buidheann agaibhse a bhiodh airson pàirt a ghabhail anns an sgeama a tha seo, gliog an seo airson barrachd fiosrachaidh.
Mu dheireadh, Cumaibh suas an deagh obair!