2017

’S e deagh bhliadhna eile a bh’ ann an 2017 do Survey PRAEG. Bidh cuimhne againn air 2017 mar bhliadhna nam buidhnean coimhearsnachd bhon a thàinig 27 de bhuidhnean ùra air a’ phannal am- bliadhna airson airgead a thogail tron sgeama againn dha na pròiseactan aca.

Dh’fhalbh sinn air feadh na dùthcha eadar Hiort is Peairt a bhruidhinn mun phannal agus seachdain sgoinneil againn anns a’ Ghearasdan aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, a’ tachairt le caraidean agus le feadhainn a bha ùr dhan phannal.

Thug sinn cuideachd seachad iomadach duais am-bliadhna, speuclairean Tens, seòclaid, sineubhar agus mu dheireadh tiogaidean Celtic Connections.

Bidh gach **duine air a phannal** a’ cosnadh creideas aison gach suirbhidh a nì iad airson a thoirt do chathrannas, dhan choimhearsnachd no airson eàrlas-bùtha. Ann an 2017 thug sinn…

… £934 do charthannas a tha ag obar ann an Alba – Age Scotland, SSPCA agus Cancer Research

… £3445 do bhuidhnean coimhearsnachd ann an Alba airson taic a thoirt do chòisirean, còmhlain-pìobaireachd, buidhnean òigridh agus gu leòr eile.

… £9795 ann an eàrlas-bùtha airson a chosg orra fhèin. Tha sinn an dòchas gun d’ fhuair sibh uile rud math.

Ma tha ùidh agaibhse airgead a thogail do chathrannas, dhan choimhearsnachd no airson eàrlas-bùtha faodaidh sibh coimhead air an làraich-lìn againn no curibh fòn gu Alana air 07985583736

Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig

Instagram