2018

Se deagh bhliadhna eile a bh’ ann an 2018 do Survey PRAEG.

Thachair sinn air iomadh neach aig tachartasan air feadh na dùthcha. Bha sinn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain agus bha sinn cuideachd aig Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd. Ghabh sinn cuideachd gu tuath gu Fèill Àiteachais an Eilein Dhuibh ann an Inbhir Nis. A bharrachd air an sin thachair sinn ri iomadh buidheann coimhearsnachd eadar Deas is Tuath agus an Iar ‘s an Ear air feadh Alba. Tha sinn air duaisean a phàigheadh airson a h-uile suirbhidh a rinn sibh agus tha sinn toilichte innse ann an 2018 gun do phàigh sinn:

£9510 ann an eàrlasan bùtha, thug sinn seachad £717 do chathrannas agus £6130 do bhuidhnean coimhearsnachd.

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh mu Survey PRAEG, theirigibh air an làrach-lìn againn aig www.surveypraeg.com no fònaibh thugainn air 07985 583736.

Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig

Instagram