Ath-sgrùdadh 2020
Abair bliadhna eadar-dhealaichte a bh’ againn ann an 2020!
Mar a h-uile duine eile, b’ fheudar dhuinn beagan atharrachaidhean a dhèanamh air an dòigh san robh sinn ag obair air sgàth a’ choròna-bhìorais. Am measg cuid de na h-atharrachaidhean rinn sinn suirbhidhean fòn do chuid an àite suirbhidhean puist, ghabh sinn pàirt ann an tachartasan bhiortail agus bha sinn a’ sanasachd barrachd air-loidhne.
Tha sinn air leth taingeil dha na buill againn uile airson taic a chumail rinn agus tha sinn toilichte innse gun tug sinn seachad £10,940 ann an eàrlasan-bùtha do ar buill, phàigh sinn a-mach £6,756 gu buidhnean coimhearsnachd mar phàirt den sgeama maoineachaidh coimhearsnachd againn, agus thug sinn seachad £929 às leth ar buill do na com-pàirtichean carthannais againn.