Crannchur a’ Chocolat

Bho chionn ghoirid dh’fhaighnich sinn ceist no dhà a bharrachd dhuibh anns an t-suirbhidh a’ faighneachd airson ur beachdan air na bh’ anns na meadhanan Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh.

Chuir sinn ainm a h-uile duine a ghabh pàirt ann an crannchur far an robh sinn a’ toirt seachad eàrlas fiach £30 airson a chosg aig Iain Burnett, The Highland Chocolatier, agus ’s iad a bha a coimhead math!

Tha sinn toilichte innse dhuibh gur e Iain à Obar Dheathain a bhuannaich an duais seo. Meal do naidheachd, Iain. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh!

Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig

Instagram