Crannchur Duaise an t-Samhraidh 2022

Tha greis bho nach robh crannchur duaise againn aig Survey PRAEG, agus mar sin bha sinn airson rudeigin a thoirt seachad, a chòrdas ris na pannalaichean againn.

Leis a h-uile suirbhidh a lìonas tu eadar 5f air 15/08/2022 agus 5f air 12/09/2022, thèid d’ ainm a chur don chrannchur duaise againn le cothrom air eàrlas Amazon fiach £100, a bhuannachadh.*

Gun tèid gu math dhut!

*Chan eil an crannchur duaise ann an co-obrachadh le Amazon, tha an duais ga solarachadh le Survey PRAEG.

  1. Is e an Neach-adhartachaidh: TRP Research Ltd (àireamh companaidh 03825912) le oifis chlàraichte ann an Wellington House, Queen Street, Taunton, Somerset, TA1 3UF.
  1. Cha bhi cead aig cosnaichean TRP Research no buill de an teaghlaichean no neach sam bith eile co-cheangailte ris a chrannchar ann an dòigh sam bith pàirt a ghabhail sa chrannchur.
  1. Chan eil cìs inntridh riatanach agus chan fheumar nì a cheannach airson pàirt a ghabhail sa chrannchur seo.
  1. Bidh an crannchur-duaise a’ gabhail àite air 15/09/2022. Às dèidh an ama seo, cha ghabhar ris a’ chòrr de dh’inntridhean.
  1. Chan urrainnnear uallach a ghabhail airson inntridhean nach d’ fhuaireadh a thaobh adhbhar sam bith.
  1. Tha riaghailtean na crannchur agus an duais do gach buannaiche mar a leanas:

Feumaidh sibh a bhith nur ball de phannal Survey PRAEG airson com-pàirteachadh sa chrannchar seo.

Gheibh sibh aon chothrom a-mhàin air a’ chrannchur dhuaisean mu choinneamh gach aon de na suirbhidhean a leanas, a lìonas sibh.

Suirbhidh 08/08/2022 – 14/08/2022

Suirbhidh 15/08/2022 – 21/08/2022

Suirbhidh 22/08/2022 – 28/08/2022

Suirbhidh 29/08/2022 – 04/09/2022

Gheibh am buannaiche eàrlas Amazon fiach £100.

  1. Tha an Neach-adhartachaidh a’ glèidheadh na còrach an crannchur agus na bun-riaghailtean seo a stad no atharrachadh. Thèid atharrachaidhean sam bith leis a’ chrannchur ainmeachadh do luchd com-pàirt cho luath ’s a ghabhas leis an Neach-adhartachaidh.
  1. Chan eil an Neach-adhartachaidh cunntachail airson mion-fhiosrachadh mì-cheart mu dhuaisean air an solarachadh do neach-inntridh sam bith le treas phàrtaidh co-cheangailte ris a chrannchur seo.
  1. Cha bhi roghainn eile mu choinneamh na duaise air a thairgsinn. Chan eil an duais comasach air a gluasad. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach duais sam bith ionadachadh le duais eile den aon luach gun fhios ro-làimh.
  1. Bidh buannaichean air an taghadh air thuaiream bho na h-inntridhean uile a fhuaireadh, a’ cleachdadh bathar-bog agus air an dearbhadh le TRP Research.
  1. Thèid fios chun an neach a ghlèidheas an duais ann am post-d no litir an taobh a-staigh 28 latha bhon latha a dhùineas an crannchur. Mura faighear air fios a leigeil gun fhear no gun tè sin no mura cluinn sinn bhuapa 7 latha bho thèid innse dhaibh, bidh againn ris an duais a thoirt seachad do neach eile.
  1. Cuiridh an t-Adhartaiche fios chun a’ bhuannaiche càite agus cuin a dh’fhaodas an duais a togail.
  1. Bidh co-dhùnadh an Neach-adhartachaidh deireannach a thaobh gach cùis co-cheangailte ris a chrannchur, agus cha ghabhar pàirt ann an co-sgrìobhadh sam bith.
Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig