Crannchur Duaise Nollaige 2022

Seo an t-àm! Crannchur Duaise Nollaige Survey PRAEG.

Faigh plaide, teoclaid teth agus crùb sìos airson seusan de fhilmichean sònraichte don Nollaig agus crannchur duaise Nollaige Survey PRAEG.

A’ ceannach do gach neach eile don Nollaig? Lìon na suirbhidhean seachdaineach agad agus dh’fhaodadh a bhith a’ ceannach dhut fhèin aig na fèilltean reic san Fhaoilleach.

Tha TRÌ eàrlasan bùtha agad ri thoirt seachad nar crannchur duaise ùr Nollaige. Dh’fhaodadh tu buannachadh: a’ chiad àite de eàrlas Amazon £75, dàrna àite de £50, no treas àite de £25 airson nan suirbhidhean agad a lìonadh thar àm na Nollaige.

Mar an neach-reic as motha air an t-saoghal, tha rudeigin aig Amazon do gach neach. Bho mheadhanan, eileagtroniagean, maise, biadh no stuth dachaigh – faodaidh tu fhèin no cuideigin eile a chuideachadh ann an 2023.

Roinnibh ur cleachdaidhean amhairc air na meadhanan thar seusan na Nollaige seo agus dh’fhaodadh tu a bhith nad bhuannaiche soirbheachail. Bidh gach suirbhidh a lìonas tu luach aon chothrom air an duais!

*Chan eil an crannchur duaise ann an co-obrachadh le Amazon, tha an duais ga solarachadh le Survey PRAEG

  1. Is e an Neach-adhartachaidh: TRP Research Ltd (àireamh companaidh 03825912) le oifis chlàraichte ann an Wellington House, Queen Street, Taunton, Somerset, TA1 3UF.
  1. Cha bhi cead aig cosnaichean TRP Research no buill de an teaghlaichean no neach sam bith eile co-cheangailte ris a chrannchar ann an dòigh sam bith pàirt a ghabhail sa chrannchur.
  1. Chan eil cìs inntridh riatanach agus chan fheumar nì a cheannach airson pàirt a ghabhail sa chrannchur seo.
  1. Bidh an crannchur-duaise a’ gabhail àite air 17/01/2023. Às dèidh an ama seo, cha ghabhar ris a’ chòrr de dh’inntridhean.
  1. Chan urrainnnear uallach a ghabhail airson inntridhean nach d’ fhuaireadh a thaobh adhbhar sam bith.
  1. Tha riaghailtean na crannchur agus an duais do gach buannaiche mar a leanas:

Feumaidh sibh a bhith nur ball de phannal Survey PRAEG airson com-pàirteachadh sa chrannchar seo.

Gheibh sibh aon chothrom a-mhàin air a’ chrannchur dhuaisean mu choinneamh gach aon de na suirbhidhean a leanas, a lìonas sibh.

Suirbhidh 05/12/2022 – 11/12/2022

Suirbhidh 12/12/2022 – 18/12/2022

Suirbhidh 19/12/2022 – 25/12/2022

Suirbhidh 26/12/2022 – 01/01/2023

Gheibh na buannaichean: 1ad duais de eàrlas Amazon £75, 2na duais de eàrlas Amazon £50, 3mh duais de eàrlas Amazon £25.

  1. Tha an Neach-adhartachaidh a’ glèidheadh na còrach an crannchur agus na bun-riaghailtean seo a stad no atharrachadh. Thèid atharrachaidhean sam bith leis a’ chrannchur ainmeachadh do luchd com-pàirt cho luath ’s a ghabhas leis an Neach-adhartachaidh.
  1. Chan eil an Neach-adhartachaidh cunntachail airson mion-fhiosrachadh mì-cheart mu dhuaisean air an solarachadh do neach-inntridh sam bith le treas phàrtaidh co-cheangailte ris a chrannchur seo.
  1. Cha bhi roghainn eile mu choinneamh na duaise air a thairgsinn. Chan eil an duais comasach air a gluasad. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach duais sam bith ionadachadh le duais eile den aon luach gun fhios ro-làimh.
  1. Bidh buannaichean air an taghadh air thuaiream bho na h-inntridhean uile a fhuaireadh, a’ cleachdadh bathar-bog agus air an dearbhadh le TRP Research.
  1. Thèid fios chun an neach a ghlèidheas an duais ann am post-d no litir an taobh a-staigh 28 latha bhon latha a dhùineas an crannchur. Mura faighear air fios a leigeil gun fhear no gun tè sin no mura cluinn sinn bhuapa 7 latha bho thèid innse dhaibh, bidh againn ris an duais a thoirt seachad do neach eile.
  1. Cuiridh an t-Adhartaiche fios chun a’ bhuannaiche càite agus cuin a dh’fhaodas an duais a togail.
  1. Bidh co-dhùnadh an Neach-adhartachaidh deireannach a thaobh gach cùis co-cheangailte ris a chrannchur, agus cha ghabhar pàirt ann an co-sgrìobhadh sam bith.
Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig