Duais Crannchuir Samhraidh 2021

Tha crannchur duaise an t-samhraidh an seo!

Tha an samhradh an seo agus tha sinn ga chomharrachadh le crannchur duaise ÙR NODHA.

Le mòran de shreathan phrògraman ùra agus spòrs beò air ais air ar sgrionaichean, tha sinn airson faighinn a-mach dè a ròghnaich sibh a bhith a’ coimhead agus mar sin tha sinn a’ toirt cothrom dhuibh duais mhìorbhaileach a BHUANNACHADH sa chrannchur duaise as ùire againn.

Dh’fhaodadh aon bhall de PRAEG àmhainn piotsa Ooni Fyra 12 a bhuannachadh gus na cur-seachdan samhraidh aca a dhèanamh fiù nas tlachdmhoire. Inneal fìor mhath a tha air a dhealbhadh ann an Alba le companaidh ionadail Albannach, dh’fhaodadh tu a dh’aithghearr a bhith a’ cruthachadh phiotsathan air an stoidhle agad fhèin aig an taigh leis an àmhainn ùr piotsa Ooni, a’ cruthachadh nam piotsathan agad fhèin ann an 60 diog a-mhàin.

Dh’fhaodadh gum bi sinn a’ cur seachad samhradh eile aig an taigh ach cha leig sin a leas a bhith dòrainneach idir! Dìreach lìon na suirbhidhean agad gus d’ innteartan a dhleasadh.

*Chan eil an crannchur duaise ann an co-obrachadh le àmhainnean piotsa Ooni idir, tha an duais ga buileachadh le Survey PRAEG.

  1. Is e an Neach-adhartachaidh: TRP Research Ltd (àireamh companaidh 03825912) le oifis chlàraichte ann an Wellington House, Queen Street, Taunton, Somerset, TA1 3UF.
  1. Cha bhi cead aig cosnaichean TRP Research no buill de an teaghlaichean no neach sam bith eile co-cheangailte ris a chrannchar ann an dòigh sam bith pàirt a ghabhail sa chrannchur.
  1. Chan eil cìs inntridh riatanach agus chan fheumar nì a cheannach airson pàirt a ghabhail sa chrannchur seo.
  1. Bidh an crannchur-duaise a’ gabhail àite air 25/08/2021. Às dèidh an ama seo, cha ghabhar ris a’ chòrr de dh’inntridhean.
  1. Chan urrainnnear uallach a ghabhail airson inntridhean nach d’ fhuaireadh a thaobh adhbhar sam bith.
  1. Tha riaghailtean na crannchur agus an duais do gach buannaiche mar a leanas:

Feumaidh sibh a bhith nur ball de phannal Survey PRAEG airson com-pàirteachadh sa chrannchar seo.

Gheibh sibh aon chothrom a-mhàin air a’ chrannchur dhuaisean mu choinneamh gach aon de na suirbhidhean a leanas, a lìonas sibh.

Suirbhidh 26/07/2021 – 01/08/2021

Suirbhidh 02/08/2021 – 08/08/2021

Suirbhidh 09/08/2021 – 15/08/2021

Gheibh am buananiche àmhainn piotsa Ooni Fyra 12.

  1. Tha an Neach-adhartachaidh a’ glèidheadh na còrach an crannchur agus na bun-riaghailtean seo a stad no atharrachadh. Thèid atharrachaidhean sam bith leis a’ chrannchur ainmeachadh do luchd com-pàirt cho luath ’s a ghabhas leis an Neach-adhartachaidh.
  1. Chan eil an Neach-adhartachaidh cunntachail airson mion-fhiosrachadh mì-cheart mu dhuaisean air an solarachadh do neach-inntridh sam bith le treas phàrtaidh co-cheangailte ris a chrannchur seo.
  1. Cha bhi roghainn eile mu choinneamh na duaise air a thairgsinn. Chan eil an duais comasach air a gluasad. Tha sinn a’ glèidheadh na còrach duais sam bith ionadachadh le duais eile den aon luach gun fhios ro-làimh.
  1. Bidh buannaichean air an taghadh air thuaiream bho na h-inntridhean uile a fhuaireadh, a’ cleachdadh bathar-bog agus air an dearbhadh le TRP Research.
  1. Thèid fios chun an neach a ghlèidheas an duais ann am post-d no litir an taobh a-staigh 28 latha bhon latha a dhùineas an crannchur. Mura faighear air fios a leigeil gun fhear no gun tè sin no mura cluinn sinn bhuapa 7 latha bho thèid innse dhaibh, bidh againn ris an duais a thoirt seachad do neach eile.
  1. Cuiridh an t-Adhartaiche fios chun a’ bhuannaiche càite agus cuin a dh’fhaodas an duais a togail.  Bheir an t-Adhartaiche ainm agus seòladh a’ bhuannaiche don t-solaraiche gus lìbhrigeadh dìreach a chur an òrdugh.
  1. Bidh co-dhùnadh an Neach-adhartachaidh deireannach a thaobh gach cùis co-cheangailte ris a chrannchur, agus cha ghabhar pàirt ann an co-sgrìobhadh sam bith.