Ùr-fhiosrachadh do Bhuill Puist

Air sgàth an t-suidheachaidh le COVID-19, tha sinn air co-dhùnadh ar suirbhidhean tron phost a chur dheth.

Tha fios againn gu bheil e a’ còrdadh ri mòran agaibh a bhith a’ gabhail pàirt tron phost agus tha sinn a’ creidsinn gu bheil e cudromach dhuibh leantainn oirbh a’ toirt seachad ur beachd.

Tha sinn air seirbheis fòn ùr a chur air bhonn far am faigh buill gairm fòn air a chur air dòigh ro-làimh bho sgioba Suirbhidh PRAEG, a lìonas an t-suirbhidh agaibh às ur leth.

Cuiridh sinn fios thugaibh a dh’aithghearr gus àm a bhios freagarrach airson gairm-fòn a rèiteachadh le ar sgioba, no an t-suirbhidh agaibh fhaighinn tron phost no air post-d.