Tha sinn ag ùrachadh ar clàran

Tha sinn airson dèanamh cìnnteach gu bheil am fiosrachadh a th’ againn mur deidhinn ceart, mar sin bidh sinn a’ cur thugaibh suirbhidh ghoirid mur deidhinn fhèin. Bidh a h-uile duine a nì an t-suirbhidh ro 09/03/2018 air an cur air adhart dhan chrannchur againn airson eàrlas Love2shop luach £50.

Ma tha sibh ùr dhan phannal again, gabhaidh sinn ris gu bheil am fiosrachadh a th’ againn ceart agus bidh sibh air ur cur air adhart dhan chrannchur againn.

Cha bhi am fiosrachadh agus na freagairtean a bheir sibh dhuinn air an cleachdadh ach airson na pròiseict seo, thèid an cumail prìobhaideach agus tèarainte.

  1. Is e an neach-adhartachaidh: TRP Research Ltd (àireamh companaidh 03825912) le oifis chlàraichte ann an  Wellington House, Queen Street, Taunton, Somerset, TA1 3UF.
  2. Cha bhi cead aig cosnaichean TRP Research no buill de an teaghlaichean no neach sam bith eile co-cheangailte ris a chrannchar ann an dòigh sam bith pàirt a ghabhail sa chrannchar.
  3. Chan eil cìs inntridh riatanach agus chan fheumar nì a cheannach airson pàirt a ghabhail sa chrannchar seo.
  4. Bidh an crannchar-duaise a’ gabhail àite air Dimàirt 13/03/2018. Às dèidh an ama seo, cha ghabhar ris a’ chòrr de dh’inntridhean.
  5. 5.   Chan urrainnnear uallach a ghabhail airson inntridhean nach d’ fhuaireadh a thaobh adhbhar sam bith.
  6. Tha riaghailtean na crannchar agus an duais do gach buannaiche mar a leanas:
    • Feumaidh sibh a bhith nur ball de phannal Survey PRAEG airson com-pàirteachadh sa chrannchar seo.
    • Gheibh buannaiche eàrlas Love2shop luach £50
  7. Tha an Neach-adhartachaidh a’ gleidheadh na còrach an crannchur agus na bun-riaghailtean seo a stad no atharrachadh. Thèid atharrachaidhean sam bith leis a’ chrannchur ainmeachadh do luchd com-pàirt cho luath ’s a ghabhas leis an neach-adhartachaidh.
  8. Chan eil an neach-adhartachaidh cunntachail airson mion-fhiosrachadh mì-cheart mu dhuaisean air an solarachadh do neach-inntridh sam bith le treas phàrtaidh co-cheangailte ris a chrannchar seo.
  9. Cha bhi roghainn eile mu choinneamh na duaise air a thairgsinn. Chan eil an duais comasach air a gluasad. Tha sinn a’ gleidheadh na còrach duais sam bith ionadachadh le duais eile den aon luach gun fhios ro-làimh.
  10. Bidh buannaichean air an taghadh air thuaiream bho na h-inntridhean uile a fhuaireadh, a’ cleachdadh bathar-bog agus air an dearbhadh le TRP Research.
  11. Thèid fios chun an neach a ghleidheas an duais ann am post-d no litir an taobh a-staigh 28 latha bhon latha a dhùineas an crannchar. Mura faighear air fios a leigeil gun fhear no gun tè sin no mura cluinn sinn bhuapa 7 latha bho thèid innse dhaibh, bidh againn ris an duais a thoirt seachad do neach eile.
  12. Cuiridh an neach-adhartachaidh fios gun bhuannaiche a thaobh cuin agus ciamar a bhios an duais air a liubhairt thuca.
  13. Bidh co-dhùnadh an neach-adhartachaidh deireannach a thaobh gach cùis co-cheangailte ris a chrannchur, agus cha ghabhar pàirt ann an co-sgrìobhadh sam bith.
  14. Dh’fhaodadh gun deigheadh iarraidh air buannaichean com-pàirteachadh ann an gnìomhachd adhartachaidh agus tha TRP Research a’ gleidheadh na còrach ainmean agus àiteachan nam buannaichean a chleachdadh ann am follaiseachd sam bith.
Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig

Instagram