’S urrain dhut am fiosrachadh atharrachadh gu furasta. Cuir thugainn post-d agus atharrachaidh sinne sin dhut.

Chan eil trioblaid ann a bhith ag atharrachadh d’ fhiosrachaidh. Dìreach cuir thugainn post-d leis an t-seòladh puist-d ceart, agus nì sinne an còrr.

Tha post-d le suirbhidh tric air fhaicinn na Spam. Mar sin, coimhead anns am folder Spam/Junk agad agus feuch a bheil e ann. Ma tha, atharraich an cead airson ’s gum faigh thu post-d bho praeg@surveypraeg.com

Bidh an t-suirbhidh air-loidhne a’ dol a-mach a h-uile feasgar Diluain. Far loidhne, bu chòir dhut an t-suirbhidh fhaighinn Disathairne.

Nuair a gheibh thu an t-suirbhidh gach Diluain, tha agad gu Didòmhnaich an dèidh sin airson crìoch a chur air. Bidh deit air an t-suirbhidh a chuireas sinn thugad tron phost ag innse cuin a dh’fheumas sinn fhaighinn air ais.

Faodaidh tu a dhol air ais agus do fhreagairtean atharrachadh fhad ’s a tha thu a’ dèanamh na suirbhidh, ach aon uair ’s gu bheil thu air a cur a-steach cha ghabh a fosgladh a-rithist.

Tha! Cuiridh sinn thugad post-d gach seachdain, ged a bhitheas tu air falbh, ach ma tha thu airson sguir airson greis, sgrìobh thugainn chun an fhiosrachaidh gu h-ìosal.

Tha na duaisean air am pàigheadh a-mach a h-uile 13 seachdainean. (Faic DUAISEAN airson tuilleadh fiosrachaidh mun seo).

Faodaidh tu Survey PRAEG fhàgail aig àm sam bith. Dìreach cuir fios thugainn leis an fhiosrachadh gu h-ìosal. Bidh fàilte romhad tilleadh aig àm sam bith!

Mura deach agad air na bha thu ag iarraidh a lorg anns an earrann Cheistean Bitheanta gu h-àrd, feuch gun cuir thu post-d gu praeg@surveypraeg.com

Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig