Cumhachan is Cùmhnantan
Is e pannal rannsachaidh margaideachd a th’ ann an Survey PRAEG air a ruith le TRP Research Earranta às leth MG ALBA gus in-shealladh a thoirt air mar a tha na diofar Mheadhanan gan cleachdadh am measg na h-àireimh de luchd-labhairt / luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba. Tha aithris ga cur gu an dà chuid MG ALBA agus am BBC.
Feuch gun leugh sibh na Cumhachan is Cùmhnantan a leanas, gu cùramach.
Bu chòir do na Cumhachan is Cùmhnantan a bhith air a leughadh còmhla ri Fios Prìobhaideachd a tha a’ toirt seachad mion-fhiosrachadh air mar a bhios sinn a’ tional, stòradh, cleachdadh, roinn agus dìon do dhàta pearsanta agus am Fios Chucaidhean. Le bhith a’ clàradh le Survey PRAEG, tha thu ag aontachadh do na Cumhachan is Cùmhnantan seo agus a’ dearbhadh gu bheil thu air am Fios Prìobhaideachd agus am Fios Chucaidhean a leughadh, a thuigsinn agus aontachadh. Mura h-eil thu ag aontachadh leis na Fiosan Prìobhaideachd is Chucaidhean agus na Cumhachan is Cùmhnantan, na clàraich le Survey PRAEG.
Tha sinn a’ gleidheadh na còrach na Cumhachan is Cùmhnantan agus/no na Fiosan Prìobhaideachd is Chucaidhean atharrachadh aig àm sam bith. Ma nì sinn seo, cuiridh sinn post-d no sgrìobhaidh sinn thugad a dh’innse dhut. Mura h-eil thu ag aontachadh le gin de na h-atharrachaidhean a nì sinn, feumaidh tu di-chlàradh bho Survey PRAEG (faic an earrann fon tiotal “Fàgail Survey PRAEG”). Air neo, bidh sinn den bheachd gu bheil thu a’ gabhail ris agus ag aontachadh leis na h-atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh.
Le bhith a’ clàradh le Survey PRAEG, tha thu ag aontachadh ri suirbhidhean fhaighinn air post-d / tron phost. Faodaidh tu pàirt a ghabhail anns an àireamh as lugha no as motha de shuirbhidhean ’s a tha thu ag iarraidh.
1. Clàradh le Survey PRAEG
Chan eil nì ri phàigheadh airson clàradh le Survey PRAEG. Cha tèid dàta pearsanta sam bith a bheir thu seachad a chleachdadh ach mar a tha air iomradh nar Fiosan Prìobhaideachd is Chucaidhean agus ann an co-rèir ris na Cumhachan is Cùmhnantan sin.
Airson gabhail riut mar bhall de Survey PRAEG, feumaidh tu:
- Dìreach aon chunntas a bhith agad (cha ghabhar ri barrachd na aon chlàradh).
- Clàradh mar thu fhèin, agus gun leigeil ort a bhith nad neach eile.
- A bhith nad neach fa leth – chan e corporaid no seòrsa sam bith eile de bhuidheann.
- An clàradh a lìonadh gu h-onarach agus ceart, a’ dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh uile a chaidh iarraidh, slàn.
- Seòladh puist-d dligheach a thoirt seachad ma tha thu ag iarraidh nan suirbhidhean air post-d. Feumaidh seo a bhith air leth dhutsa agus do-dhèanta a roinn le ball eile de Survey PRAEG.
- A bhith a’ còmhnaidh ann an Alba agus seòladh dachaigh a thoirt seachad.
- A bhith 16 bliadhna a dh’aois no còrr.
- A bhith a’ bruidhinn Gàidhlig no ag ionnsachadh Gàidhlig.
- GUN A BHITH ag obair do MG ALBA, am BBC no TRP Research.
Tha e cudromach gun sgrùd thu am fiosrachadh agad gu cùramach aig àm clàraidh le Survey PRAEG. Na dìochuimhnich praeg@surveypraeg.com a chur don leabhar sheòlaidhean agad ma tha thu airson do shuirbhidhean fhaighinn air post-d, gus dèanamh cinnteach nach caill thu gin de na suirbhidhean. Chan urrainn dhuinne a bhith cunntachail mura faigh thu na suirbhidhean agad.
Tha sinn a’ cumail sùil air clàraidhean bhall agus clàran suirbhidh mar phàirt de ar sgrùdaidhean càileachd. Ma gheibh sinn a-mach / ma tha amharas againn gu bheil thu air clàradh le Survey PRAEG mòran tursan, tha sinn a’ gleidheadh na còrach aon de no do chunntasan uile a ghluasad sa bhad gun fhios ro-làimh agus clàraidhean sam bith bhuat san àm ri teachd a dhiùltadh. Ma thèid do ghluasad, caillidh tu creideasan sam bith a dh’fhàg thu sa chunntas agad agus cha bhi thu a’ faighinn shuirbhidhean tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean a tha ri thighinn.
2. Ùrachadh dàta pearsanta
Tha thu cunntachail airson dèanamh cinnteach gu bheil do dhàta peasranta, a’ gabhail a-steach d’ fhiosrachadh conaltraidh, ceart agus amail. Thèid d’ fhiosrachadh conaltraidh a chleachdadh airson suirbhidhean is duaisean a chur thugad agus conaltradh riut mu dheidhinn Survey PRAEG. Dh’fhaodadh gun crìochnaich sinn do bhallrachd le Survey PRAEG gun fhios ro-làimh mura cùm thu do dhàta pearsanta ceart agus amail. Ma thachras seo, caillidh tu creideasan sam bith a tha air fhàgail sa chunntas agad agus cha tèid suirbhidhean a chur thugad tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean sam bith a tha ri thighinn.
Chan urrainn dhuinn a bhith air ar meas cunntachail airson eàrlasan caillte a chaidh a chur gu seann seòladh a chionn ’s nach robh do sheann seòladh air ùrachadh. Cuir post-d gu praeg@surveypraeg.com, sgrìobh thugainn aig Saorphost Survey PRAEG no fòn air 07985 583736 a dh’innse dhuinn mu atharrachaidhean sam bith san fhiosrachadh conaltraidh agad.
3. Faighinn chreideasan is dhuaisean
Gheibh thu creideasan a dh’ionnsaigh do dhuais thaghte airson gach suirbhidh a lìonas tu. Bidh gach creideas a choisinneas tu air a chur gu fèin-ghluasadach don chunntas agad. Cha ghabh creideasan a ghluasad eadar cunntasan, chan eil luach airgid sam bith annta agus cha ghabh iad an cleachdadh ach airson do dhuais thaghte a phàigheadh. Aon uair ’s gu bheil do dhuais air a cur thugad, cha ghabh i a tilleadh no a h-iomlaid. Gheibh thu duais de eàrlasan bùtha airson pàirt a ghabhail nar suirbhidhean no gheibh thu tabhartasan carthannais no faodaidh tu airgead a thogail do bhuidheann coimhearsnachd.
Bidh na duaisean uile air an eagrachadh le TRP Research. Bu chòir dhut post-d a chur gu praeg@surveypraeg.com, sgrìobhadh thugainn aig Saorphost Survey PRAEG no fòn air 07985 583736 gus atharrachadh duaise iarraidh. Leanaidh sinn air adhart a’ cur dhuaisean thugad cho fada ’s a bhios tu nad bhall de Survey PRAEG. Tha gach suirbhidh fiach 1 chreideas, a tha co-ionann ri £1 mura canar a chaochladh. Ma lìonas tu na suirbhidhean seachdaineach uile ann an ràithe, thèid an t-iomlan agad a chruinneachadh suas gu 15 creideasan / £15. Bidh na creideasan air an ìompachadh gu eàrlasan 4 tursan sa bhliadhna (san Dàmhair, Faoilleach, Giblean agus Iuchar) agus gu h-àbhaisteach pàighte a-mach mar eàrlasan £5, £10 no £15. Thèid creideas sam bith air fhàgail sa chunntas agad às dèidh a’ phàighidh, a chur air adhart don ath chuairt.
Tha na suirbhidhean againn de dhiofar mheudan agus dh’fhaodadh nach bi na ceistean ceudna anns gach suirbhidh.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na duaisean a tha sinn a’ tabhann, theirig gu www.surveypraeg.com/duais/ no iarr oirnn lethbhreac a chur thugad tron phost. Tha duaisean buailteach atharrachadh aig àm sam bith.
- Mas e eàrlas bùtha do roghainn, thèid eàrlas a chur thugad gu fèin-ghluasadach san Dàmhair, Faoilleach, Giblean agus Iuchar ma tha thu air gu leòr chreideasan a chosnadh airson a bhith airidh air eàrlas. Ma tha thu a’ faighinn do shuirbhidhean air post-d, thèid d’ eàrlas a chur thugad air post-d agus ma tha thu a’ faighinn do shuirbhidhean tron phost, thèid d’ eàrlas a chur thugad tron phost còmhla ris an ath shuirbhidh agad.
- Mas e tabhartas carthannais do roghainn duaise, ìompaichidh sinn do chreideasan gu fèin-ghluasadach san Dàmhair, Faoilleach, Giblean agus Iuchar agus pàighear a-steach don charthannas thaghte agad. Fiosraichidh sinn dhut an sùim iomlan a tha do charthannas air fhaighinn ann an tabhartasan bho Survey PRAEG agus an t-sùim a tha thu air a thogail rè na h-ùine sin.
- Mas e buidheann coimhearsnachd do roghainn duaise, ìompaichidh sinn do chreideasan gu fèin-ghluasadach san Dàmhair, Faoilleach, Giblean is Iuchar agus pàighear a-steach do chunntas banca ainmichte a’ bhuidhinn, mura h-eil aonta eile dèante leis a’ bhuidheann agad. Tachraidh am pàigheadh a-steach gu h-àbhaisteach air a’ mhìos às dèidh sin, far a bheil fiosrachadh cunntas banca a’ bhuidhinn againn. Tha seo a’ toirt tìde dhuinn creideasan sam bith a tha ri teachd a ghiullachd agus a phàigheadh a-steach do chunntas a’ bhuidhinn. Cuiridh sinn post-d thugad fhèin agus gu buill a’ bhuidhinn aon uair ’s gu bheil iad air am pàigheadh.
4. Buidhnean coimhearsnachd
Gus airgead a thogail do bhuidheann coimhearsnachd tro ghabhail ar suirbhidhean, feumaidh tu ainm a’ bhuidhinn a thoirt seachad san àite iomchaidh air an fhoirm clàraidh. Faodaidh buidheann coimhearsnachd a bhith a’ ciallachadh sgiobaidhean spòrs, còisirean, comainn, buidhnean saor-thoileach, is eile. Tha sinn a’ gleidheadh na còrach inntrigeadh gu Survey PRAEG a dhiùltadh do bhuidhnean sònraichte airson adhbhar sam bith, a’ gabhail a-steach eas-onair agus buidhnean nach eil ann. Mura tèid do bhuidheann a ghabhail a-steach do Survey PRAEG airson adhbhar air chorèigin, cuiridh sinn fios thugad.
Feumaidh 3 gu 20 ball a bhith anns gach buidheann coimhearsnachd fa leth, gus a bhith freagarrach don sgeama. Ma thagh thu buidheann coimhearsnachd nuair a chlàraich thu ach nach deach agad air na 3 buill a dh’fheumas tu fhaighinn, dh’fhaodadh gun cuir sinn fios thugad a dh’fhaicinn am faod neach-trusaidh tadhal gus barrachd chlàraidhean a bhrosnachadh no iarraidh ort atharrachadh gu duais eadar-dhealaichte. Ma ruigeas do bhuidheann 20 ball, an àireamh as motha a tha ceadaichte, tha sinn a’ gleidheadh na còrach clàraidhean a bharrachd don bhuidheann agad a dhiùltadh gun fhios ro-làimh.
Aon uair ’s gu bheil do bhuidheann air a’ chiad phàigheadh a ruighinn, iarraidh sinn mion-fhiosrachadh mu chunntas banca a’ bhuidhinn gus am faod sinn pàigheadh a-steach don chunntas. Mura h-eil do bhuidheann air pàigheadh fhaighinn roimhe seo, fìreanaichidh sinn am buidheann agad mus aontaich sinn air pàighidhean sam bith a chur air bhonn. Faic earrann 3 airson tuilleadh fiosrachaidh mu phàigheadh a-mach dhuaisean.
5. Moladh charaidean
Faodaidh buill làithreach an caraidean a mholadh gu Survey PRAEG leis an fhoirm airson moladh caraid a lìonadh, nuair a tha sinn a’ sireadh barrachd bhuill (dh’fhaodadh am foirm a bhith ann an cruth pàipeir / air-loidhne, air gairm fòn no gu pearsanta). Feumaidh tu a bhith nad bhall làithreach de Survey PRAEG airson a bhith comasach air caraidean a mholadh agus duaisean fhaighinn. A thuilleadh air sin, feumaidh caraidean slatan-tomhais sam bith a bharrachd air an iomradh ann am puist-d / litrichean / suirbhidhean moladh caraid a choileanadh, gus a bhith airidh air com-pàirteachadh san sgeama agus duais fhaotainn.
Feumaidh tu ainm agus seòladh puist-d / seòladh postachd / àireamh fòn do charaid a thoirt seachad gus an urrainn dhuinn cuireadh a thoirt dhaibh ballrachd a ghabhail ann an Survey PRAEG – dèan cinnteach gun sgrùd thu am fiosrachadh aca gu cùramach. Cha chuir sinn an cuireadh gu do charaid ach mura h-eil iad air a bhith nam ball de Survey PRAEG roimhe. Cha toir sinn cuireadh dod charaid com-pàirteachadh ann an Survey PRAEG ma tha fiosrachadh sam bith a dhìth san fhoirm moladh caraid.
Far am bi feum air, iarraidh sinn d’ ainm agus do sheòladh puist-d / seòladh postachd mar phàirt de shuirbhidh moladh caraid gus an urrainn dhuinn am moladh a cheangal air ais thugad agus duais a thoirt dhut leis na creideasan molaidh a bharrachd / duais. Mura h-eil am fiosrachadh a bheir thu dhuinn a’ maidseadh ar clàran, cha bhi e comasach dhuinn cuireadh a thoirt dod charaid.
Bidh d’ ainm-sa air a ghabhail a-steach cuideachd nuair a bheir sinn cuireadh dod charaid com-pàirt a ghabhail ann an Survey PRAEG. Dh’fhaodadh gun cuir sinn cuibhreachadh air an àireamh as urrainn dhut a mholadh aig an aon àm agus cha chuir sinn ach dà chuireadh aig a’ char as àirde gu gach caraid. Is e an roghainn fhèin a bheil iad no nach eil iad gus clàradh le Survey PRAEG.
Gus creideasan / duais moladh caraid fhaighinn, feumaidh do charaid clàradh le Survey PRAEG (faic earrann 1) agus feumaidh tu fhèin agus do charaid na slatan-tomhais a tha mìnichte anns a’ phost-d / litir / suirbhidh shònraichte a choileanadh. Dh’fhaodadh nach bi na slatan-tomhais an-còmhnaidh mar an ceudna, mar sin dèan cinnteach gun leugh thu am mion-fhiosrachadh gu cùramach gus dèanamh cinnteach gu bheil fios agad air dè dh’fheumas tu a dhèanamh gus creideasan / duais moladh caraid fhaighinn. Thèid duaisean a thoirt seachad aon uair ’s gu bheil am mion-fhiosrachadh air a sgrùdadh, gun a bhith nas fhaide na aon mhìos às dèidh do na slatan-tomhais a choileanadh a chur ris an dà chunntas aon uair ’s gu bheil iad air an sgrùdadh, agus gun a bhith nas fhaide na mìos às dèidh do na slatan-tomhais an coileanadh, cho fada ’s a tha an dithis agaibh fhathast nur buill de Survey PRAEG. A thuilleadh air sin, feumaidh do charaid:
- Nach robh iad a-riamh roimhe nam ball de Survey PRAEG san àm a dh’fhalbh.
- An ceangal molaidh anns a’ phost-d a chleachdadh gus clàradh le Survey PRAEG.
Cha bu chòir dhut caraidean a mholadh ach nuair a tha iad riaraichte thu am fiosrachadh aca a thoirt seachad gus an urrainn dhuinn cuireadh a thoirt dhaibh gu Survey PRAEG. Ma gheibh sinn gearan bho do charaid mar thoradh air sinn cuireadh a thoirt dhaibh com-pàirteachadh ann an Survey PRAEG, dh’fhaodadh gun cuir sinn crìoch air do bhallrachd le Survey PRAEG (faic earrann 15).
6. Crannchuran dhuaisean
Dh’fhaodadh gun ruith sinn crannchuran dhuaisean bho àm gu àm. Bidh na crannchuran dhuaisean sin buailteach do Chumhachan is Chùmhnantan a bharrachd a thèid a chur suas air làrach-lìn Survey PRAEG no a chur thugad leis an t-suirbhidh nuair a thòisicheas an crannchur duaise.
7. Lìonadh shuirbhidhean
Bidh sinn a’ cleachdadh teicneòlas airson suirbhidhean a chur thugad agus gam fosgladh / dùnadh ma bhios tu a’ lìonadh do shuirbhidhean air-loidhne. Dh’fhaodadh gun suidhich sinn cuòtathan nar suirbhidhean gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ riochdachadh na h-àireimh de luchd-labhairt / luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba. Aon uair ’s gu bheil na cuòtathan sin air an coileanadh, cha bhi e comasach dhut com-pàirt a ghabhail san t-suirbhidh.
Ann a bhith a’ lìonadh ar suirbhidhean, dèan cinnteach nach eil cabhag ga chur ort agus gu bheil tìde agad na suirbhidhean a lìonadh ceart. Tha thu cunntachail do shuirbhidhean a lìonadh a-steach gu h-onarach agus gu ceart. Ma tha adhbhar reusanta againn a bhith ag amharas gu bheil an dàta a tha thu a’ toirt dhuinn breugach, mì-cheart no nach eil thu a’ lìonadh ar suirbhidhean ceart, dh’fhaodadh gun cuir sinn crìoch air do bhallrachd le Survey PRAEG gun fhios ro-làimh. Ma thachras seo, caillidh tu creideasan a tha air fhàgail sa chunntas agad agus cha chuirear suirbhidhean thugad tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean a tha ri thighinn. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach ach gun a bhith cuibhrichte do na leanas:
- Freagairtean nach eil a’ dèanamh ciall.
- Freagairtean nach eil cunbhalach do fhiosrachadh eile a thugadh seachad.
- Gun a bhith a’ freagairt nan ceistean riatanach uile san t-suirbhidh.
- A’ dol aig astar ro luath tron t-suirbhidh agus gun a bhith a’ freagairt nan ceistean gu ceart.
- Freagairtean mì-iomchaidh no mì-ghnàthach do cheistean. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach nì sam bith a tha TRP Research Earranta a’ meas claon-bharaileach a dh’ionnsaigh bhuidhnean sònraichte de dhaoine (a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuibhrichte, gu gràin-cinnidh, gràin co-ghnèitheachd agus gnèitheachas).
- Cuideachadh bhall eile leis an t-suirbhidh aca a lìonadh.
8. Buill postachd
Ma bhios tu a’ faighinn do shuirbhidh tron phost, feuch gun cuimhnich thu ris na leanas a dhèanamh:
- Lìon gach earrann den t-suirbhidh a tha a’ beantainn dhut.
- Fàg earrannan sam bith falamh nach eil a’ beantainn dhut.
- Cuir air ais na duilleagan den t-suirbhidh uile sa chèis Saorphost ron cheann-latha.
- Na cuir an t-suirbhidh air ais sa phost mus eil an t-seachdain coimhead seachad.
Cha bhi suirbhidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-latha, suirbhidhean air am postadh mus eil an t-seachdain coimhead seachad no suirbhidhean le duilleagan a dhìth, airidh air creideasan. Chan urrainn ar cumail cunntachail airson dàil san t-seirbheis postachd.
9. Dìomhaireachd
Dh’fhaodadh gum bi fiosrachadh dìomhair, prìobhaideach no malairt co-cheangailte ri MG ALBA, BBC agus an com-pàirtichean, anns na suirbhidhean a chuireas sinn thugad. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach bheachdan mu phrògraman ùra telebhisean no rèidio agus sanasachadh am measg nithean eile. Buinidh an t-susbaint a chì thu sna suirbhidhean againn gu tur do MG ALBA, BBC agus an com-pàirtichean agus chan fhaod a roinn le neach sam bith eile. A thuilleadh air sin, chan fhaod thu am fiosrachadh seo a lethbhreacadh, a chlò-bhualadh no a stòradh agus chan fhaod thu a chleachdadh ach a-mhàin don adhbhar an lùib lìonadh na suirbhidh. Mura dèan thu seo, cuiridh sinn crìoch air do bhallrachd le Survey PRAEG gun fhios ro-làimh, agus caillidh tu creideasan sam bith a tha air fhàgail sa chunntas agad agus cha chuirear suirbhidhean thugad tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean sam bith a tha ri thighinn.
A thaobh dhamaistean sam bith air an adhbhrachadh tro bhriseadh dàta a choilean thu, dh’fhaodadh gum bi thu cunntachail airson damaistean airgid gu an dà chuid Survey PRAEG agus / no MG ALBA, BBC agus an com-pàirtichean.
10. Sanasachadh
Chan fhaod thu aithrisean breugach no mì-stiùireach a dhèanamh nuair a tha thu a’ sanasachadh no a’ bruidhinn mu Survey PRAEG gu pearsanta, air meadhanan sòisealta, ann an artaigilean no àite sam bith eile. Mar bhall de Survey PRAEG, tha thu cunntachail airson dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh sam bith mu Survey PRAEG a dh’fhoillsicheas tu ceart agus amail. Mura dèan thu seo, dh’fhaodadh gun cuir sinn crìoch air do bhallrachd le Survey PRAEG gun fhios ro-làimh agus caillidh tu creideasan sam bith a tha air fhàgail sa chunntas agad agus cha chuirear suirbhidhean thugad tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean a tha ri thighinn.
11. Ceanglaichean ri làraichean-lìn eile
Tha ceanglaichean sam bith gu làraichean-lìn air an taobh a-muigh air an solarachadh le treas phàrtaidhean leithid na carthannasan leis a bheil sinn ag obair, air an toirt airson fiosrachadh dhut a-mhàin. Chan eil sinn a’ gabhail uallach sam bith airson nan làraichean-lìn sin agus chan eil smachd sam bith againn air an susbaint. Bidh an Cumhachan is Cùmhnantan / Fiosan Prìobhaideachd / Fiosan Chucaidhean fhèin aig na làraichean-lìn sin, agus tha thu a’ cleachdadh nan làraichean-lìn sin fo d’ uallach fhèin.
12. Neo-ghnìomhachd
Dh’fhaodadh gum bi an cunntas againn air a sheatadh gu neo-ghnìomhach airson gin de na h-adhbharan a leanas:
- Ma gheibh sinn teachdaireachd a’ tilleadh air ais thugainn nuair a chuireas sinn post-d no suirbhidh thugad. Mura h-eil e comasach dhuinn conaltradh riut tro dhòigh sam bith eile m.e. gairm fòn, thèid do ghluasad bho Survey PRAEG agus chan fhaigh thu suirbhidhean no puist-d sam bith bhuainn. Mar sin, tha e cudromach gun sgrùd thu d’ fhiosrachadh gu cùramach nuair a chlàras tu Survey PRAEG. Thèid d’ fhiosrachadh a chumail air na clàraidhean againn gus nach fheuch sinn ri conaltradh riut a-rithist.
- Mura h-eil thu air suirbhidh a lìonadh a-riamh roimhe no air suirbhidh a lìonadh o chionn greis. Ma tha thu ann an aon de na buidhnean sin, dh’fhaodadh gum faigh thu post-d, litir, teacsa no gairm fòn a’ faighneachd a bheil thu airson fuireach nad bhall de Survey PRAEG. Mura freagair thu don phost-d/litir/teacsa/gairm fòn no mura lìon thu suirbhidh, thèid do dhi-chlàradh bho Survey PRAEG (faic earrann “Fàgail Survey PRAEG” gu h-ìosal).
Ma tha an cunntas agad air a sheatadh gu neo-ghnìomhach, chan fhaigh thu suirbhidhean tuilleadh, creideasan no duaisean sam bith a tha ri teachd. Ma dh’atharraicheas tu d’ inntinn agus gum bu mhath leat pàirt a ghabhail ann an Survey PRAEG a-rithist, feumaidh tu clàradh a-rithist. Ma nì thu seo, cha bhi e comasach dhuinn creideasan bhon chunntas a bh’ agad roimhe a ghluasad agus tòisichidh cothromachadh a’ chunntais agad aig neoini.
13. Àm air falbh bho shuirbhidhean
Faodaidh tu briseadh bho ar suirbhidhean iarraidh aig àm sam bith, mar eisimpleir ma tha thu a’ dol air saor-làithean. Chan fhaigh thu suirbhidhean no duaisean airson a’ chòrr den bhriseadh agad. Aon uair ’s gu bheil am briseadh air crìochnachadh, tòisichidh tu a’ faighinn shuirbhidhean, chreideasan agus dhuaisean a-rithist don chunntas agad.
Nam bu mhath leat àm a ghabhail air falbh bho Survey PRAEG, cuir post-d gu praeg@surveypraeg.com, sgrìobh thugainn aig Saorphost Survey PRAEG no fòn air 07985 583736.
14. Buidhnean thar-chlàraichte
Tha sinn a’ coimhead an-còmhnaidh ri cumadh deamografach Survey PRAEG gus dèanamh cinnteach gu bheil e a’ leantainn air a’ riochdachadh luchd-labhairt / luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba. Bho àm gu àm, dh’fhaodadh gum bi e riatanach ath-chothromachadh a dhèanamh air Survey PRAEG, mar eisimpleir ma tha sinn a’ faighinn mòran fhreagairtean bho aon bhuidheann sònraichte.
Ma thachras seo, dh’fhaodadh gum feum sinn do bhallrachd / do bhuidheann coimhearsnachd a dhùnadh. Cuiridh sinn fios thugad an-còmhnaidh a dh’innse dhut ro-làimh agus bheir sinn adhbhar dhut airson an dùnaidh agus an ceann-latha a thachras seo. Aon uair ’s gu bheil sinn air do bhallrachd le Survey PRAEG a chrìochnachadh, chan fhaigh thu suirbhidhean tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean a tha ri teachd.
15. Fàgail Survey PRAEG
Faodaidh tu Survey PRAEG fhàgail aig àm sam bith le post-d a chur gu praeg@surveypraeg.com, sgrìobh thugainn aig Saorphost Survey PRAEG no fòn air 07985 583736. Thèid iarrtasan di-chlàraidh a chrìochnachadh taobh a-staigh 7 làithean agus aon uair ’s gu bheil e dèante cha tèid fios thugad tuilleadh. Cumaidh sinn clàradh ded fhiosrachadh pearsanta airson adhbhar bacaidh a chur air foill agus dèanamh cinnteach nach cuirear fios thugad tuilleadh (m.e. tro mholadh caraid). Bidh dàta uile air a dhìon agus air a stòradh a rèir an Fhios Phrìobhaideachd.
Ma dhi-chlàras tu, caillidh tu creideasan sam bith a tha air fhàgail sa chunntas agad agus cha chuirear suirbhidhean thugad tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean a tha ri teachd.
16. Gluasad bho Survey PRAEG
Dh’fhaodadh gun tèid do bhallrachd le Survey PRAEG a thoirt gu crìch gun fhios ro-làimh mura lean thu na Cumhachan is Cùmhnantan sin. Ma thachras seo, caillidh tu creideasan sam bith a tha air fhàgail sa chunntas agad agus cha chuirear suirbhidhean thugad tuilleadh, chan fhaigh thu creideasan no duaisean sam bith a tha ri teachd.
Mura h-eil thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais tuilleadh airson a bhith nad bhall de Survey PRAEG mar a tha mìnichte ann an earrann 1 “Clàradh le Survey PRAEG”, chan urrainn dhut mar sin com-pàirt a ghabhail nar rannsachadh agus feumaidh sinn do ghluasad bho Survey PRAEG.
Bidh sinn ag ath-sgrùdadh ar Cumhachan is Cùmhnantan gu cunbhalach; chaidh an ùrachadh mu dheireadh air 06/10/2023.