Dè th’ ann an cucaidhean?
Is e faidhlichean beaga teacsa a th’ ann an cucaidhean a tha air an cur air do choimpiutair le làraichean-lìn air am bi thu a’ tadhal. Tha iad air an cleachdadh gu bitheanta gus an obraich làraichean-lìn, no gun obraich iad nas fheàrr, a thuilleadh air fiosrachadh a thoirt do luchd-seilbh na làraich.
Cucaidhean air làrach-lìn Survey PRAEG
Tha làrach-lìn Survey PRAEG a’ cleachdadh chucaidhean nuair a logas tu a-steach don làraich-lìn agus / no a lìonas tu suirbhidhean, gus an t-eòlas as fheàrr a thoirt dhut. Thèid faighneachd dhut a bheil thu ag aontachadh ri cleachdadh air cucaidhean neo-riatanach nuair a chlàras tu le Survey PRAEG no nuair a dh’atharraicheas poileasaidh nan cucaidhean. Mura toir thu cead do na cucaidhean neo-riatanach, chan urrainn dhut a bhith nad bhall de Survey PRAEG agus bidh tu air do dhi-chlàradh.
Gabhaidh bacadh a chur air cucaidhean le bhith ag atharrachadh nan seataidhean sa bhrobhsair, ach ma nì thu sin dh’fhaodadh nach obraich taobhan sònraichte den làraich-lìn agus dh’fhaodadh nach bi e comasach dhut faighinn a-steach agus pàirtean de làrach-lìn Survey PRAEG no an làrach-lìn uile agus suirbhidhean a chleachdadh.
Tha na clàran gu h-ìosal a’ mìneachadh nan cucaidhean a dh’fhaodar a chleachdadh agus carson a tha feum orra.
Ciamar a dh’atharraicheas mi na seataidhean cucaidh agam?
Tha a’ mhòr-chuid de bhrobhsairean a’ ceadachadh dhut do sheataidhean cucaidh atharrachadh. Bheir seo cead dhut stad a chur air cucaidhean treas phàrtaidh uile, na cucaidhean uile a stad no cucaidhean sònraichte a stad. Nam bu mhath leat tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun seo, a’ gabhail a-steach mar a nì thu e nad bhrobhsair fhèin, thoir sùil air làrach-lìn leasaichear a’ bhrobhsair agad.
Na seòrsaichean chucaidhean a chleachdar
| Seòrsa cucaidh | Iomradh |
| Fìor riatanach | Tha cucaidhean fìor riatanach air an seòrsachadh mar chucaidhean a dh’fheumas a bhith an làthair gus an obraich na pàirtean bunaiteach den làraich-lìn. Tha iad riatanach gus a bhith comasach air faighinn a-steach gu feartan den làraich-lìn agus dh’fhaodadh sin a bhith a’ gabhail a-steach clàradh, cur nithean don chairt no e-bilean. |
| Gnìomhadh | Tha cucaidhean gnìomhaidh gu sònraichte airson dàta a thional air mar a tha luchd-tadhail a’ cleachdadh na làraich-lìn, na duilleagan den làraich-lìn as trice air a bheilear a’ tadhal, no ma gheibh iad teachdaireachdan mu mhearachdan air duilleagan lìn. |
| So-dhèantachd | Tha cucaidhean so-dhèantachd a’ ceadachadh do làraichean-lìn cuimhne a chumail air na roghainnean is taghaidhean a tha an neach-cleachdaidh a’ dèanamh air an làraich, a’ gabhail a-steach ainm-cleachdaidh, roinn, agus cànan. Tha seo a’ ceadachadh don làraich-lìn feartan pearsanaichte a thoirt seachad leithid naidheachdan ionadail agus sìde, ma roinneas tu far a bheil thu. |
| Targaideadh | Tha cucaidhean targaididh is sanasachaidh air an dealbhadh gu sònraichte airson fiosrachadh a thional bhuat air an inneal agad, gus sanasan a thaisbeanadh dhut a tha stèidhichte air cuspairean buntainneach sa bheil ùidh agad. Cuiridh sanasairean na cucaidhean sin air làrach-lìn le cead bho obraiche na làraich-lìn. |
Fiosrachadh mu na cucaidhean a chleachdar
| Ainm a’ Chucaidh | Aoigh | Seòrsa | Pàrtaidh | Iomradh |
| JSESSIONID | www.questionpro.com | Fìor riatanach | A’ Chiad | Cucaidh seisein àrd-ùrlar coitcheann, air a chleachdadh le làraichean sgrìobhte ann an JSP. Gu h-àbhaisteach, air a chleachdadh gus seisean neach-cleachdaidh gun urra a chumail leis an fhrithealaiche. |
| __hssrc | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Tha ainm a’ chucaidh seo co-cheangailte ri làraichean-lìn air an togail air àrd-ùrlar HubSpot. Tha iad ag aithris gu bheil e ga chleachdadh airson anailisean làraich-lìn. |
| __utmz | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Seo aon de na prìomh cheithir cucaidhean air an seatadh le seirbheis Google Analytics, a tha a’ comasachadh do luchd-seilbh làraich-lìn air giùlan luchd-tadhail a leantainn agus gnìomhadh na làraich a thomhas. Tha an cucaidh seo a’ comharrachadh tùs na trafaig air an làraich – agus faodaidh Google Analytics innse do luchd-seilbh làraichean cò às a thàinig luchd-tadhail chun na làraich. Tha beatha de 6 mìosan aig a’ chucaidh agus tha e ga ùrachadh gach turas a thèid dàta gu Google Analytics. |
| _gat_UA-30165- 1 | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Is e cucaidh de sheòrsa pàtran a tha seo air a sheatadh le Google Analytics, far a bheil àireamh comharrachaidh shònraichte a’ chunntais no na làraich-lìn anns an eileamaid pàtrain air an ainm. Tha coltas gur e fiaradh den chucaidh _gat a th’ ann, a tha ga chleachdadh airson an uimhir de dhàta a tha clàraichte le Google a chuibhreachadh air làraichean-lìn le trafaig àrd. |
| __hssc | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Tha ainm a’ chucaidh seo co-cheangailte ri làraichean-lìn air an togail air àrd-ùrlar HubSpot. Tha iad ag aithris gu bheil e cleachdte airson anailisean làraich-lìn. |
| _gid | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Tha ainm a’ chucaidh seo co-cheangailte ri Google Universal Analytics. Tha coltas gur e cucaidh ùr a tha seo agus bhon Earrach 2017 chan eil fiosrachadh sam bith ri fhaotainn bho Google. Tha coltas gu bheil e a’ stòradh agus ag ùrachadh luach air leth do gach duilleag air an tèid tadhal. |
| _ga | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Tha ainm a’ chucaidh seo co-cheangailte ri Google Universal Analytics – a tha na ùrachadh cudromach air seirbheis choitcheann anailisean Google. Tha an cucaidh seo airson luchd-cleachdaidh sònraichte aithneachadh, le bhith a’ toirt àireamh air thuaiream dhaibh mar chomharrachadh. Tha e air a ghabhail a-steach anns gach iarrtas duilleig air làrach agus air a chleachdadh gus dàta a thaobh luchd-tadhail, seisean agus iomairt obrachadh a-mach airson aithrisean anailisean na làraich. Tha e stèidhichte gu bunaiteach gus ruith a-mach às dèidh 2 bhliadhna, ged a tha seo air a dhèanamh freagarrach le luchd-seilbh na làraich. |
| __hstc | www.questionpro.com | Gnìomhadh | A’ Chiad | Àrd-ùrlar ubSpot. Tha iad ag aithris gu bheil e cleachdte airson anailisean làraich-lìn. |
| hubspotutk | www.questionpro.com | So-dhèantachd | A’ Chiad | Tha ainm a’ chucaidh seo co-cheangailte ri làraichean-lìn air an togail air àrd-ùrlar HubSpot. Tha HubSpot ag aithris gu bheil e a’ fìreanachadh luchd-cleachdaidh. Mar chucaidh leanailteach seach cucaidh seisein, cha ghabh e a sheòrsachadh mar Fìor Riatanach. |
| __cfduid | hs-analytics.net | So-dhèantachd | An Trìtheamh | Tha an àrainn seo ann an seilbh HubSpot. Tha an àrainn shònraichte seo don chompanaidh a’ dèanamh cinnteach gu bheil feartan uile agus so-dhèantachd HubSpot air an cur ris an làraich san dòigh cheart. |
| __cfduid | hs-scripts.com | So-dhèantachd | An Trìtheamh | Tha an àrainn seo ann an seilbh HubSpot Tha an àrainn shònraichte seo don chompanaidh a’ dèanamh cinnteach gu bheil feartan uile agus so-dhèantachd HubSpot air an cur ris an làraich san dòigh cheart. |
| __utmzzses | www.questionpro.com | Targaideadh | A’ Chiad | UTM Parameters air an cleachdadh airson sanasachadh / tracadh le Google Analytics. |
| __cfduid | hsleadflows.net | Targaideadh | An Trìtheamh | Tha an àrainn seo ann an seilbh HubSpot gus Sruthadh Luchd-tadhail (Lead Flows) a chruthachadh airson adhbharan margaideachd agus reic. |
| __cfduid | m | Targaideadh | An Trìtheamh | Tha an àrainn seo ann an seilbh HubSpot. Tha a’ chompanaidh seo a’ solarachadh raon de theicneòlas margaideachd is reic agus seirbheisean air-loidhne. |
| NID | google.com | Targaideadh | An Trìtheamh | Tha an àrainn seo ann an seilbh Google Inc. Ged a tha Google aithnichte sa chiad àite mar einnsein lorg, tha a’ chompanaidh a’ solarachadh raon eadar-mheasgte de stuthan agus seirbheisean. Ach is e sanasachadh am prìomh thùs teachd-a-steach aca. Bidh Google a’ leantainn luchd-cleachdaidh gu farsaing tro a stuthan fhèin agus làraichean, agus na mòran theicneòlasan a tha fighte a-steach do na milleanan làraichean-lìn air feadh an t-saoghail. Bidh e a’ cleachdadh dàta air a thional bhon mhòr-chuid de na seirbheisean sin gus ùidhean luchd-cleachdaidh a chomharrachadh agus àite sanasachd a reic ri buidhnean, stèidhichte air na pròifilean ùidhe sin, a thuilleadh air sanasan a cho-thaobhadh leis an t-susbaint air na duilleagan far a bheil sansan an neach-cleachdaidh a’ nochdadh. |
| SignUpReferrer | www.questionpro.com | Neo-aithnichte | A’ Chiad | Dearbh an duilleag làraich-lìn ro Chlàradh neach-cleachdaidh. |
| QPSTATIC | www.questionpro.com | So-dhèantachd | A’ Chiad | Tha an cucaidh seo ga chleachdadh airson iarrtasan bhon duilleig logaidh a-steach a sgaradh. |
| landingURL | www.questionpro.com | Neo-aithnichte | A’ Chiad | Dearbh an duilleag làraich-lìn air a thadhal le luchd-cleachdaidh. |
| QPWEB | www.questionpro.com | Neo-aithnichte | A’ Chiad | Glèidheadh suidheachadh luchd-cleachdaidh tarsainn iarrtasan duilleig. |
| wroute | www.questionpro.com | Neo-aithnichte | A’ Chiad | Bidh an cucaidh a’ leantainn iarrtasan buidheannail an LÌN mar iarrtasan Suirbhidh leithid clàradh, logadh a-steach, deasachadh agus msaa. |
Bidh sinn a’ cumail ar Fios Chucaidhean fo ath-sgrùdadh cunbhalach; air ùrachadh mu dheireadh air 26/01/2026.
