Fios Dìomhaireachd

Is e pannal rannsachaidh margaidh a th’ ann an Survey PRAEG a tha air a ruith le TRP Research Earranta às leth MG Alba, gus in-shealladh a thoirt air mar a thathar a’ cleachdadh diofar Mheadhanan am measg àireamh-sluaigh na Gàidhlig ann an Alba.

Bidh TRP Research ag obair le raon fharsaing de chompanaidhean gus an cuideachadh ann am faotainn tuigse air an luchd-amhairc.

Tha am Fios Dìomhaireachd seo a’ mìneachadh mar a bhios sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a bhios sinn a’ tional mur deidhinn nuair a shoidhnigeas sibh airson Survey PRAEG.

Tional Dàta

  • Bidh fiosrachadh pearsanta uile a bheir sibh dhuinn air a chumail dìomhair agus tèarainte. Cha toir sinn seachad fiosrachadh pearsanta sam bith do threas phàrtaidh sam bith airson adhbharan reic, margaideachd no adhbhar sam bith eile. 
  • Chan eil agaibh ri dad a phàigheadh airson pàirt a ghabhail ann an Survey PRAEG.
  • Bidh an dàta agaibh air a stòradh air ar frithealaichean tèarainte san RA agus nar solaraiche inneil Suirbhidh fon ainm QuestBack.  Nam bu mhath leibh lethbhreac de Fhios Dìomhaireachd Questback fhaicinn, tadhailibh air https://www.questback.com/data-privacy, no post-d gu praeg@surveypraeg.com no sgrìobhaibh thugainn air Freepost Survey PRAEG. Ma tha sibh aig tachartas, iarraibh air aon den luchd-trusaidh lethbhreac de Fhios Dìomhaireachd Questback fhaicinn.
  • Cha chuir sinn an dàta agaibh taobh a-muigh an Raoin Eaconamach Eòrpach (REE).

Mion-fhiosrachadh Pearsanta

Tha Survey PRAEG a’ barantachadh neo-ainmeachd agus dìomhaireachd do bhuill.

  • Innsidh sinn dhuibh carson a tha feum againn air gach pìos fiosrachaidh tron phròiseas soidhnigidh, a thuilleadh air cead iarraidh oirbh an dàta agaibh a ghiullachd. 
  • Cha chleachd sinn ach an t-ainm, seòladh puist, seòladh puist-d agus àireamh fòn a thug sibh seachad gus suirbhidhean is duaisean a chur thugaibh agus conaltradh leibh a thaobh Survey PRAEG. Cha chleachd sinn ach am fiosrachadh conaltraidh a fhuair sinn don adhbhar seo, agus iarraidh sinn tuilleadh cead bhuaibh mus cleachd sinn am fiosrachadh conaltraidh airson adhbhar sam bith eile. 
  • Tha feum air fios a bhith againn air ur n-aois, gnè, còd-puist agus fileantachd sa Ghàidhlig airson ar n-aithriseachd, agus gus a dhèanamh cinnteach gu bheil am pannal againn a’ riochdachadh àireamh-sluaigh na Gàidhlig ann an Alba. Tha ar n-aithriseachd stèidhichte air seòrsaichean nas leatha le aois ga aithris mar thuairmse aoise (m.e. 16-24) agus an còd-puist air iompachadh gu sgìrean nas fharsainge (m.e. A’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan).
  • Tha sinn a’ cumail clàradh den fhiosrachadh a thug sibh dhuinn nar faidhlichean, ach cha tèid fiosrachadh a chomharraicheas sibh gu pearsanta a roinn a roinn le luchd-dèiligidh, treas phàrtaidhean no chleachdadh nar n-aithriseachd aig àm sam bith.
  • Mura toir sibh dhuinn am fiosrachadh seo, gu mì-fhortanach chan urrainn dhuibh a bhith air a’ phannal. 
  • Tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh pearsanta agaibh mionaideach agus nua-aimsireil. Ma tha mion-fhiosrachadh sam bith aig a bheil feum air ùrachadh, cuiribh post-d gu praeg@surveypraeg.com no sgrìobhaibh thugainn aig Freepost Survey PRAEG agus atharraichidh sinn ar clàran a rèir sin. Dh’fhaodadh gun cuir sinn fios thugaibh air post-d, litir no fòn a dh’fhaicinn a bheil am fiosrachadh a thug sibh dhuinn ceart. 
  • Tha a’ chòir agaibh am fiosrachadh a th’ againn mur deidhinn inntrigeadh, agus ma tha sibh airson sin a dhèanamh cuiribh fios thugainn air post-d gu praeg@surveypraeg.com no sgrìobhaibh thugainn aig Freepost Survey PRAEG, a’ dearbhadh an fhiosrachaidh a tha sibh airson fhaicinn. 
  • Ma bhios sibh airson an dàta pearsanta agaibh a ghluasad bho Survey PRAEG gu pannal rannsachaidh margaidh eile, feuch gun cuir sibh fios thugainn aig praeg@surveypraeg.com agus cuiridh sinn sin air dòigh dhuibh. 
  • Ma bhios draghan sam bith agaibh a thaobh an fhiosrachaidh a th’ againn mur deidhinn no an dòigh san deach a ghiullachd, tha còir agaibh cuibhreachadh iarraidh air giullachd an dàta agaibh. Nam biodh sibh airson seo a dhèanamh, feuch gun cuir sibh post-d thugainn aig praeg@surveypraeg.com no sgrìobhaibh thugainn air Freepost Survey PRAEG.
  • Bidh sinn a’ cur theachdaireachdan teacsa thugaibh an-dràsta ’s a-rithist a thaobh Survey PRAEG tro Sendmode Business Messaging. Nam bu mhath leibh lethbhreac fhaicinn de Fhios Prìobhaideachd Sendmode, tadhailibh air www.sendmode.co.uk/gdpr-compliance-sendmode. Bidh cothrom anns gach teachdaireachd innse dhuinn mura h-eil sibh ag iarraidh tuilleadh theacsaichean bhuainn.
  • Thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a stòradh agus a ghiullachd fhad ’s a bhios sibh a’ lìonadh shuirbhidhean no gus an tig am pròiseact gu crìch.

    Mura h-eil sibh air suirbhidh a lìonadh taobh a-staigh 6 seachdainean de thighinn air a’ phannal, cuiridh sinn fios thugaibh ag iarraidh oirbh suirbhidh a lìonadh gus fuireach air a’ phannal. Mura dean sibh seo, bheir sinn dhen a’ phannal sibh agus cha chuir sinn fios thugaibh tuilleadh. 

    Ma gheibh sibh na suirbhidhean agaibh air post-d agus air co-dhiù 1 suirbhidh a lìonadh bho thàinig sibh air a’ phannal, leanaidh sinn a’ cur shuirbhidhean thugaibh airson suas ri 9 mìosan mura h-eil sibh air iarraidh oirnn stad. Eadar 6-9 mìosan an dèidh an t-suirbhidh mu dheireadh a lìonadh, cuiridh sinn fios thugaibh ag iarraidh oirbh suirbhidh a lìonadh gus fuireach air a’ phannal. Mura dean thu seo, bheir sinn dhen a’ phannal sibh agus cha chuir sinn fios thugaibh tuilleadh. 

    Ma bhios sibh a’ faighinn nan suirbhidhean agaibh tron phost agus nach eil sibh air suirbhidh a lìonadh airson 6 seachdainean, cuiridh sinn fios thugaibh ag iarraidh oirbh suirbhidh a lìonadh gus fuireach air a’ phannal. Mura dean thu seo, bheir sinn dhen a’ phannal sibh agus cha chuir sinn fios thugaibh tuilleadh.

Suirbhidhean

Cuiridh sinn suirbhidh thugaibh gach seachdain mura roghnaich sibh am pannal fhàgail no fios a leigeil thugainn nach eil sibh ag iarraidh suirbhidh. Thèid ur freagairtean suirbhidh fa leth a thional agus a stòradh air ar frithealaichean tèarainte ach cha tèid am fiosrachadh seo a chur air adhart gu luchd-dèiligidh aig àm sam bith. Thèid an dàta agaibh a chothlamadh còmhla ri dàta bho bhuill eile den phannal, agus aon uair ’s gum bi seo dèante cha bhi e comasach ur comharrachadh tro ur freagairtean don t-suirbhidh.

Duaisean

  • Gheibh sibh duais airson pàirt a ghabhail sna suirbhidhean againn le eàrlasan bùtha, pàighidhean do bhuidheann coimhearsnachd no tabhartasan carthannais.
  • Bidh na duaisean uile air an rianachd le TRP Research. Cha tèid an dàta pearsanta agaibh a roinn aig àm sam bith le luchd-reic, buidhnean coimhearsnachd no carthannasan leis a bheil sinn ag obair. 
  • Leanaidh sinn air adhart a’ cur thugaibh nan duaisean agaibh cho fada ’s a bhios sibh air a’ phannal.

Fàgail a’ Phannail

  • Faodaidh sibh am pannal fhàgail aig àm sam bith no cur an aghaidh giullachd an dàta agaibh.  Airson fo-sgrìobhadh a stad, cuiribh post-d gu praeg@surveypraeg.com, no sgrìobhaibh gu Freepost Survey PRAEG no ma bhios sibh a’ faighinn na suirbhidh seachdaineach agaibh tron phost, cuiribh tiog sa bhogsa stad air an t-suirbhidh sheachdaineach agaibh.  Aon uair ’s gu bheil sibh air an fho-sgrìobhadh a stad, cumaidh sinn am fiosrachadh agaibh air na clàran againn ach cha chleachd sinn am fiosrachadh seo tuilleadh. 
  • Nam b’ fheàrr leibh ur toirt dhen phannal againn gu tur agus nach eil sibh airson sinn am fiosrachadh mur deidhinn a chumail, cuiribh fios thugainn air post-d aig praeg@surveypraeg.com no sgrìobhaibh thugainn aig Freepost Survey PRAEG ag aithris gum bum hath leibh sinn “Cuir às do ur fiosrachadh uile”. Ma thaghas sibh an roghainn seo, dh’fhaodadh gun cuir sinn fios thugaibh a-rithist san àm ri teachd oir cha bhi fiosrachadh againn tuilleadh mur deidhinn.

Tuilleadh Fiosrachaidh 

  • Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-suirbhidh, duaisean, naidheachdan a’ phannail no Ceistean Bitheanta, feuch gun tadhail sibh air an làraich-lìn againn aig www.surveypraeg.com.
  • Bidh sinn a’ cumail an Fhios Dìomhaireachd fo ath-sgrùdadh gu cunbhalach; chaidh am fios ùrachadh mu dheireadh air 09/03/2021.