Fios Dìomhaireachd
Survey PRAEG agus a’ cur fios thugainn
Is e pannal rannsachaidh margaideachd a th’ ann an Survey PRAEG air a ruith le TRP Research Earranta às leth MG ALBA gus in-shealladh a thoirt air mar a tha na diofar Mheadhanan gan cleachdadh am measg na h-àireimh de luchd-labhairt / luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba. Tha aithris ga cur gu an dà chuid MG ALBA agus am BBC. Tha TRP Research ag obair còmhla ri raon farsaing de chompanaidhean gus an cuideachadh gu tuigse fhaighinn air an luchd-èisteachd aca.
Faodar conaltradh rinn aig praeg@surveypraeg.com.
Cumail ur dàta sàbhailte – ar gealltanas dhuibh a thaobh prìobhaideachd
Tha Survey PRAEG a’ gabhail làn chùraim den dàta phearsanta uile a thug sibh dhuinn gus a chumail sàbhailte. Tha sinn a’ leantainn Achd Dìon Dàta 2018 agus an UK GDPR. A thuilleadh air sin, tha sinn a’ leantainn Còd Giùlain Comann Rannsachaidh Margaideachd. Gus lethbhreac den seo fhaicinn, tadhailibh air www.mrs.org.uk/standards/code_of_conduct. Is sinne a tha a’ cumail smachd agus is oirnn a tha an t-uallach airson ur dàta phearsanta.
Tha am Fios Prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a tha sinn a’ tional, stòradh, cleachdadh, roinn agus dìon ur dàta pearsanta nuair a chlàras sibh le Survey PRAEG agus a ghabhas sibh pàirt nar suirbhidhean no a chlàras sibh am buidheann coimhearsnachd agaibh. Tha e cuideachd a’ mìneachadh nan Còraichean Prìobhaideachd a th’ agaibh a thaobh ur dàta pearsanta.
Bu chòir don Fhios Prìobhaideachd a bhith air a leughadh còmhla ris na Cumhachan is Cùmhnantan agus am Fios Chucaidhean. Le bhith clàradh le Survey PRAEG, tha thu a’ dearbhadh gu bheil thu air am Fios Prìobhaideachd seo a leughadh, a thuigsinn agus aontachadh a thuilleadh air am Fios Chucaidhean agus Cumhachan is Cùmhnantan. A bharrachd air sin, le bhith a’ com-pàirteachadh nar suirbhidhean, tha thu a’ toirt dhuinn do chead air do dhàta pearsanta agus do fhreagairtean suirbhidh a thional, a stòradh agus a chleachdadh mar a tha mìnichte san Fhios seo. Mura h-eil thu ag aontachadh leis na Fiosan Prìobhaideachd is Chucaidhean agus na Cumhachan is Cùmhnantan, na clàraich le Survey PRAEG.
Bunait laghail airson ur dàta pearsanta a ghiullachd
Tha dàta pearsanta a’ ciallachadh fiosrachadh sam bith mu neach a cheadaicheas a bhith air aithneachadh. Dh’fhaodadh e cuideachd a bhith a’ gabhail a-steach seòrsaichean sònraichte de dhàta pearsanta, leithid cinnidheachd, dearbh-aithne nàiseanta agus fiosrachadh slàinte a thathar a’ meas nas dìomhaire.
Tha sinn a’ cleachdadh cead mar bhunait laghail airson dàta pearsanta sam bith a thional agus a chleachdadh, a tha sinn a’ faighinn bhuat mar a chithear gu h-ìosal.
- Tha sinn ag iarraidh do chead gus do dhàta pearsanta a thional, a stòradh agus a chleachdadh nuair a chlàras tu le Survey PRAEG. Tha an cead seo a’ toirt cothrom dhuinn do dhàta a stòradh, suirbhidhean a chur thugad, do fhreagairtean bho shuirbhidhean a thional, toraidhean bho dhiofar bhuidhnean aithris do MG ALBA / BBC agus dèanamh cinnteach gu bheil Survey PRAEG a’ riochdachadh na h-àireimh de luchd-labhairt / luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba. Tha e a’ ciallachadh cuideachd gun urrainn dhuinn duaisean a chur thugad agus conaltradh riut mu Survey PRAEG.
- Gach turas a mholas tu caraid airson Survey PRAEG, tha sinn ag iarraidh do chead gus am bi e comasach dhuinn d’ ainm a ghabhail a-steach nuair a bhios sinn a’ toirt cuireadh dod charaid gu com-pàirteachadh ann an Survey PRAEG.
- Dh’fhaodadh gum bi sinn airson fiosrachadh pearsanta eile a thional bhuat nach eil fon chòmhdach gu h-àrd, mar eisimpleir fiosrachadh mud shlàinte agus mud chinnidheachd. Ma nì sinn seo, iarraidh sinn cead ort am fiosrachadh seo a thional agus bheir sinn gach mion-fhiosrachadh a dh’fheumas tu dhut aig an àm a dh’fhaighnicheas sinn mun seo. Faic na h-earrannan fon tiotal “Dàta Pearsanta” agus “Seòrsaichean Sònraichte de Dhàta Pearsanta” gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh mun seo.
Alana NicAonghais
Tha Alana NicAonghais na giullachair dàta, ag obair às leth TRP Research gus daoine a chlàradh airson Survey PRAEG. Dh’fhaodadh gum faic sibh i aig tachartasan air feadh Alba no a’ tadhal air buidhnean coimhearsnachd gus Survey PRAEG a chur air adhart agus daoine a chlàradh air a shon.
Ma chlàras tu airson Survey PRAEG air-loidhne le cuideachadh bho Alana, thèid d’ fhiosrachadh pearsanta a chur a-steach dìreach do fhoirm clàraidh Survey PRAEG agus cha ghlèidh Alana pàirt sam bith den fhiosrachadh phearsanta a fhuaireadh bhuat. Dh’fhaodadh gun roinn sinn am fiosrachadh a sholaraich thu air an fhoirm soidhnigidh pàipeir le Alana ma tha fiosrachadh a dhìth bhuat no gu bheil cuid den mhion-fhiosrachadh a sholaraich thu mì-cheart, m.e. chan eil an seòladh puist-d agad dligheach. Roinnidh sinn fiosrachadh le Alana ann an dòigh thèarainte an-còmhnaidh, dìreach a’ roinn an uimhir as lugha ’s a tha riatanach de fhiosrachadh gus a bheil a’ chùis air a fuasgladh.
Ma tha thu mar-thà nad bhall de Survey PRAEG, dh’fhaodadh gun cuir Alana fios thugad mu Survey PRAEG ann an co-rèir ri ar Cumhachan is Cùmhnantan agus ar Fios Prìobhaideachd. Nam bu mhath leat tarraing a-mach bho ghairmean fòn, leig fios thugainn air post-d gu praeg@surveypraeg.com on innis don riochdaire againn air a’ fòn. Faic earrann “Dàta Pearsanta – Conaltradh leat mu Survey PRAEG” airson tuilleadh fiosrachaidh. Tha am fiosrachadh pearsanta uile a thèid a thional air a chur còmhla agus air a chleachdadh ann an co-rèir ris an Fhios Phrìobhaideachd seo.
A thuilleadh air na tha gu h-àrd, tha aonta sgrìobhte againn le Alana gus dèanamh cinnteach nach fhoillsich i an dàta agad do phàrtaidh sam bith eile no nach cleachd i e airson adhbhar sam bith eile. Faic an còrr den Fhios Prìobhaideachd seo airson tuilleadh fiosrachaidh mun adhbhar a tha sinn a’ tional fiosrachadh pearsanta bhuat, mar a thèid a stòradh, carson a thathar ga chleachdadh, mar a chuireas sinn dìon air an dàta agad agus cò dha a roinneas sinn e.
Astar Media
Tha Astar Media mar ghiullachair dàta ag obair às ar leth, TRP Research, gus cuideachadh le ceistean bho bhuill, coimhead ri beachdan sam bith a tha sibh air a chur air adhart sna suirbhidhean againn agus cunntasan Facebook is Instagram Survey PRAEG a stiùireadh/sgrùdadh. Tha am fiosrachadh pearsanta uile a thèid a thional air a chur còmhla agus air a chleachdadh ann an co-rèir ris an Fhios Phrìobhaideachd seo.
Cunntasan Facebook agus Instagram aig Survey PRAEG: Tha Astar Media a’ stiùireadh agus a’ cumail sùil air na cunntasan Facebook agus Instagram aig Survey PRAEG. Tha seo a’ ciallachadh gum bi cothrom aca air teachdaireachdan sam bith a chuireas sibh gu na cunntasan sin, a’ gabhail a-steach fiosrachadh pearsanta sam bith a roinneas sibh. Bheir Astar Media freagairt do theachdaireachdan mar a bhios iomchaidh.
Thèid ceistean is beachdan uile a chuirear gu Astar Media a sgrionadh airson fiosrachadh pearsanta a thèid a thoirt às mus cuirear thuca e. Cha tèid fiosrachadh pearsanta sam bith a ghluasad a dh’aon ghnothaich gu Astar Media agus ma thèid bheirear air falbh e sa bhad.
A thuilleadh air na tha gu h-àrd, tha aonta sgrìobhte againn le Astar Media gus dèanamh cinnteach nach fhoillsich iad an dàta agad do phàrtaidh sam bith eile no gun cleachd iad e airson adhbhar sam bith eile. Faic an còrr den Fhios Prìobhaideachd seo airson tuilleadh fiosrachaidh mun adhbhar a tha sinn a’ tional fiosrachadh pearsanta bhuat, mar a thèid a stòradh, carson a thathar ga chleachdadh, mar a chuireas sinn dìon air an dàta agad agus cò dha a roinneas sinn e.
Dàta pearsanta
Bidh sinn a’ tional dàta pearsanta mar d’ ainm agus do sheòladh nuair a chlàras tu le Survey PRAEG agus ag iarraidh do chead air an dàta sin a thional, a stòradh agus a chleachdadh. Tha an dàta seo ga thional tro shuirbhidh pàipeir no air-loidhne, a rèir mar a chlàras tu le Survey PRAEG. Bheir sinn fios dhut mun adhbhar a tha feum againn air gach pìos de dhàta pearsanta nuair a chlàras tu le Survey PRAEG. Mura toir thu an dàta seo dhuinn, cha bhi e comasach dhut clàradh le Survey PRAEG. Bho àm gu àm, dh’fhaodadh gun iarr sinn dàta pearsanta eile ort mar phàirt de ar suirbhidhean. Ma nì sinn seo, bheir sinn dhut am mion-fhiosrachadh uile air a bheil feum agad aig an àm, gus an urrainn dhut co-dhùnadh a bheil thu riaraichte seo a thoirt seachad agus iarraidh sinn do chead mar a bhios iomchaidh.
Bidh sinn a’ tional agus a’ cleachdadh do dhàta pearsanta sna dòighean a leanas a’ cleachdadh “cead” mar ar bunait laghail airson giullachd. Ma bhios sinn airson am fiosrachadh a thug thu dhuinn a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile no ag iarraidh tuilleadh dàta pearsanta bhuat, iarraidh sinn do chead a-rithist.
- Cleachdaidh sinn d’ ainm, do sheòladh postachd, do sheòladh puist-d agus àireamh fòn gus suirbhidhean is duaisean a chur thugad, agus conaltradh riut mu Survey PRAEG. Thèid d’ fhiosrachadh conaltraidh a chleachdadh cuideachd gus fios a thoirt dhut ma tha thu air aon de ar crannchuran dhuaisean a bhuannachadh. Cha chleachd sinn ach am fiosrachadh conaltraidh airson an adhbhair seo agus iarraidh sinn cead eile bhuat mus cleachd sinn d’ fhiosrachadh conaltraidh airson adhbhar sam bith eile.
Conaltradh riut mu Survey PRAEG
Seòladh puist-d: Cleachdaidh sinn do sheòladh puist-d gus conaltradh riut a’ mhòr-chuid den tìde oir seo mar a bhios sinn a’ cur nan suirbhidhean agus nan duaisean thugad. Faodaidh tu ròghnachadh gun suirbhidhean / fiosan fhaighinn sa phost-d agad le logadh a-steach don chunntas agad, a dhol gu “My Account”agus an ceangal gu di-chlàradh aig bonn na duilleige a leantainn (a’ chiad roghainn). Faodaidh tu cuideachd an ceangal a leantainn a tha sna puist-d air fad a thèid a-mach bho Survey PRAEG. Thoir an aire ma thaghas tu an roghainn seo, nach bi sinn comasach air fios a chur thugad air post-d ma bhios trioblaid sam bith leis an t-suirbhidh / làrach-lìn, msaa.
Seòladh: Dh’fhaodadh gun cuir sinn fios thugad a’ cleachdadh do sheòladh postachd bho àm gu àm, gus innse dhut mu na suirbhidhean againn, Survey PRAEG agus duaisean / crannchur dhuaisean sònraichte sam bith. Mura h-eil thu airson sinn conaltradh riut tron phost, cuir fios thugainn air post-d gu praeg@surveypraeg.com.
Àireamh fòn: Dh’fhaodadh gun cuir sinn teacsa no gairm fòn thugad an-dràsta ’s a-rithist gus innse dhut mu na suirbhidhean againn, Survey PRAEG agus duaisean / crannchur dhuaisean sònraichte sam bith. Tha na teachdaireachdan teacsa uile againn a’ toirt roghainn dhut tarraing a-mach mura h-eil thu airson tuilleadh theacsaichean fhaighinn bhuainn. Nam bu mhath leat tarraing a-mach bho ghairmean fòn, leig fios thugainn air post-d gu praeg@surveypraeg.com on innis don riochdaire againn air a’ fòn.
Faodaidh tu cuideachd do roghainnean conaltraidh atharrachadh aig àm sam bith le logadh a-steach don chunntas Survey PRAEG agad no post-d gu praeg@surveypraeg.com.
- Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh uile a gheibh sinn bhuat mar phàirt den fhoirm clàraidh gus dèanamh cinnteach gu bheil thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais airson com-pàirteachadh ann an Survey PRAEG agus cuideachadh le càileachd ar buill a sgrùdadh. Mar eisimpleir, gus dèanamh cinnteach gu bheil seòladh postachd dligheach agad ann an Alba, dh’fhaodadh gun cleachd sinn sgrùdair còd-puist a’ Phuist Rìoghail gus dèanamh cinnteach gu bheil an seòladh agad fìor.
- Cha chleachd sinn do sheòladh IP ach a-mhàin airson gnìomhachd mheallta a chomharrachadh agus cuideachadh le taic a chur ri ar pròiseasan càileachd – tha am fiosrachadh seo air a thional leis fhèin uair sam bith a lìonas tu suirbhidh co-cheangailte ri Survey PRAEG.
- Dh’fhaodadh gun cleachd sinn am fiosrachadh tomhaiseil (m.e. aois, gnè aig àm breith, gnè a tha thu a’ cleachdadh, seòladh, is eile) a thug thu dhuinn gus an urrainn dhuinn co-dhùnadh a bheil thu freagarrach airson suirbhidh.
- Bidh sinn a’ cleachdadh d’ aois, do ghnè aig àm breith, còd-puist agus fileantachd sa Ghàidhlig gus dèanamh cinnteach gu bheil Survey PRAEG a’ riochdachadh àireamh-sluaigh fhileantaich/luchd-ionnsachaidh ann an Alba, agus cuòtathan a stèidheachadh gus an àireamh de fhreagairtean bho dhiofar bhuidhnean a chuibhreachadh, ma dh’fheumar. Bidh sinn a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo cuideachd gus an urrainn dhuinn aithris air toraidhean bho na suirbhidhean againn air diofar bhuidhnean, agus suirbhidhean buntainneach a chur thugad. Tha ar n-aithris stèidhichte air seòrsaichean nas leatha le aois ga aithris mar bhuidheann aoise (m.e. 16-24) agus còd-puist ga ìompachadh gu sgìrean mòra (m.e. A’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan).
- Tha sinn a’ faighneachd an e an t-aon ghnè a tha thu a’ cleachdadh ‘s a a bh’ agad aig àm breith agus ciamar a dhèanadh tu iomradh air do ghnè gus an dèan sinn cinnteach gu bheil Survey PRAEG in-ghabhalach agus a’ nochdadh iomadachd àireamh sluaigh labhairt is ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba. Tha roghainn “b’ fheàrr leam gun a ràdh” sna ceistean seo.
- Tha sinn a’ faighneachd an e thusa am prìomh chosnaiche teachd-a-steach agus fiosrachadh mionaideach mun obair/dreuchd gus an urrainn dhuinn rang sòisealta a thoirt dhut – feumaidh ceistean co-cheangailte ri rang sòisealta a bhith stèidhichte air a’ phrìomh chosnaiche teachd-a-steach. Tha seo a’ ceadachadh dhuinn air dèanamh cinnteach gu bheil Survey PRAEG a’ riochdachadh àireamh-sluaigh de fhileantaich/luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann an Alba, agus cuòtathan a stèidheachadh gus an àireamh de fhreagairtean bho dhiofar bhuidhnean a chuibhreachadh, ma dh’fheumar. Tha sinn cuideachd a’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo gus an urrainn dhuinn na toraidhean aithris bho ar suirbhidhean air diofar bhuidhnean, agus suirbhidhean buntainneach a chur thugaibh.
- Cleachdaidh sinn an dàta air a thional bhuat san fhoirm clàraidh no suirbhidh sam bith eile a lìonas tu / gnìomhachd san gabh thu pàirt, gus gnìomhachd mheallta a chomharrachadh agus cuideachadh le taic do ar pròiseasan càileachd. Tha seo a’ gabhail a-steach tar-sgrùdadh air fiosrachadh pearsanta sam bith a tha thu air a thoirt seachad (a’ gabhail a-steach seòladh IP) leis na pannalan eile againn.
Seòrsaichean sònraichte de dhàta pearsanta
Chan eil sinn gu làithreach ag iarraidh dàta de sheòrsa sònraichte leithid cinnidheachd, creideamh, fiosrachadh slàinte, mar phàirt de Survey PRAEG. Ma bhios sinn ag iarraidh dàta de sheòrsa sònraichte bhuat, cha thionail sinn e ach far an tug thu do chead soilleir agus innsidh sinn dhut an-còmhnaidh carson a tha sinn a’ tional an fhiosrachaidh seo bhuat aig an àm a tha sinn ga iarraidh.
Suirbhidhean
Cuiridh sinn suirbhidhean thugad aon uair ’s gu bheil iad rim faotainn mura roghnaich thu Survey PRAEG fhàgail, no a leigeas tu fios thugainn nach eil thu ag iarraidh an t-suirbhidh a chur thugad. Tha na freagairtean agad do na suirbhidhean saor-thoileach agus ’s e do roghainn fhèin pàirt a ghabhail sna suirbhidhean a chuireas sinn thugad. Tha sinn a’ cleachdadh “cead” mar ar bunait laghail airson sgaoileadh shuirbhidhean agus cruinneachadh fhreagairtean a ghiullachd agus toraidhean bho na diofar bhuidhnean aithris do MG ALBA / BBC. Thèid na freagairtean suirbhidh fa leth a thional agus a stòradh air ar frithealaichean tèarainte san RA aon uair ‘s gu bheil an t-suirbhidh air dùnadh agus ann an QuestionPro. Chan eil am fiosrachadh seo ga chur gu MG ALBA / BBC aig àm sam bith. Thèid an dàta agad an uair sin a dhèanamh neo-ainmeach agus a chothlamadh le dàta bho bhuill eile gus an urrainn dhuinn MG ALBA / BBC a chuideachadh gu na tha e a’ ciallachadh a thuigsinn agus an ceistean a fhreagairt. Aon uair ’s gu bheil seo air tachairt, cha bhi e comasach do chomharrachadh tro na freagairtean agad don t-suirbhidh.
Uaireannan, bidh beàrnan teacsa saor anns na suirbhidhean, mar eisimpleir gus do bheachd fhaotainn air prògram ùr TBh. Tha na freagairtean do na ceistean sin an dèidh an dèanamh neo-ainmeach air an cur dìreach gu MG ALBA / BBC. Chan iarr sinn fiosrachadh pearsanta bhuat sna ceistean sin aig àm sam bith agus tha sinn ag iarraidh ort dèanamh cinnteach nach cuir thu a-steach nì sam bith do na beàrnan teacsa saor sin, a dh’fhaodadh do chomharrachadh gu pearsanta.
Moladh caraid
Ma cho-dhùineas tu caraid a mholadh do Survey PRAEG, feumaidh tu ainm / seòladh puist-d / àireamh fòn do charaid a thoirt dhuinn, gus an urrainn dhuinn cuireadh a thoirt dhaibh gu com-pàirteachadh ann an Survey PRAEG. Cha bu chòir dhut do charaid a mholadh ach nuair a tha iad riaraichte am fiosrachadh conaltraidh aca a thoirt seachad. Thèid dèiligeadh ri mion-fhiosrachadh do charaid san aon dòigh ri dàta pearsanta sam bith eile agus le ùmhlachd do na Còraichean Prìobhaideachd cheudna mar bhall de Survey PRAEG. Bidh fiosrachadh do charaid air a chumail clàraichte gu deireadh a’ phròiseict gus am bi fios againn cò thuige a chuir sinn cuireadh, gus nach cuir sinn tuilleadh ’s a chòir de chuiridhean thuca.
Far am bi feum air, iarraidh sinn d’ ainm agus do sheòladh puist-d mar phàirt de shuirbhidh moladh caraid gus an urrainn dhuinn am moladh a cheangal air ais thugad agus duais a thoirt dhut leis na creideasan molaidh a bharrachd / duais. A thuilleadh air sin, bidh d’ ainm air a ghabhail a-steach nuair a bheir sinn cuireadh dod charaid com-pàirteachadh ann an Survey PRAEG. Tha sinn ag iarraidh do chead gach turas a mholas tu caraid agus mar sin a’ cleachdadh “cead” mar ar bunait laghail airson an dàta a ghiullachd.
Mura h-eil thu ag aontachadh ri seo, na cleachd Sgeama Moladh Caraid gus do charaidean a mholadh do Survey PRAEG.
Clann
Feumaidh tu a bhith 16 bliadhna a dh’aois no còrr gus a bhith comasach air clàradh le Survey PRAEG agus com-pàirteachadh sna suirbhidhean. Cha thionail sinn le fios dàta bho phàiste sam bith fo aois 16 bliadhna às aonais cead bho am pàrant(an) no luchd-cùraim laghail. Mas e pàrant a th’ annad no neach-cùraim laghail agus gum faigh thu a-mach gu bheil do phàiste air dàta pearsanta a thoirt seachad dhuinn ris nach do dh’aontaich thu, leig fios thugainn air post-d gu praeg@surveypraeg.com agus dubhaidh sinn às fiosrachadh sam bith a th’ againn mun deidhinn.
Stòradh agus dìon dàta
Tha fios againn cho cudromach ’s a tha e an dàta pearsanta a thug thu seachad a chumail sàbhailte.
- Ma chlàras tu airson Survey PRAEG ach nach tèid gabhail riut airson adhbhar air choreigin, thèid d’ fhiosrachadh clàraidh a chumail ann an QuestionPro agus air ar frithealaichean tèarainte san RA airson suas ri 6 mìosan, mura h-eil adhbhar ann air do dhàta a chumail nas fhaide, m.e.amharas air foill / mòran chlàraidhean bhon aon neach agus msaa. An dèidh 6 mìosan, cha bhi air a chumail ach prìomh fhiosrachadh ma bhios feum air, a’ gabhail a-steach ainm, seòladh puist-d agus seòladh IP airson adhbharan càileachd. Cha tèid do dhàta a ghiullachd ach gus ar pròiseasan càileachd a chuideachadh agus bacadh a chur air foill. Tha na h-aon Chòraichean Prìobhaideachd agad mar bhall de Survey PRAEG.
- Aon uair ‘s gu bheil thu nad bhall de Survey PRAEG, thèid do dhàta pearsanta a stòradh agus a ghiullachd air ar frithealaichean tèarainte san RA, ann an QuestionPro agus ann an siostam Sendmode. Faic an earrann fon tiotal “Roinn Do Dhàta Pearsanta” gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh mu na companaidhean sin, an dàta a tha air a roinn leotha agus carson a tha e air a roinn.
- Ma chlàraich thu le Survey PRAEG a’ cleachdadh foirm pàipeir aig tachartas, thèid am foirm clàraidh agad a stòradh gu tèarainte nar n-oifisean.
- Cha tèid do dhàta pearsanta a chleachdadh ach le ar luchd-obrach aig a bheil feum air gus an dleastanasan obrach a choileanadh, mar eisimpleir gus do dhàta a chur a-steach, suirbhidhean a chur thugad agus do cheistean a fhreagairt.
- Thèid do dhàta pearsanta a stòradh agus a ghiullachd fhad ‘s a tha thu nad bhall de Survey PRAEG no gus an tig am pròiseact gu crìch.
Ma thèid do ghluasad air falbh bho Survey PRAEG airson adhbharan càileachd, nì sinn na leanas mura h-iarr thu do dhàta a dhubhadh às (faic “Còir air dubhadh às” fon earrann leis an tiotal “Do Chòraichean Prìobhaideachd”):
-Do dhàta pearsanta uile a chumail airson 5 bliadhna an dèidh dhut di-chlàradh. ‘S e an t-adhbhar airson sin, gus bacadh a chur air foill agus dèanamh cinnteach nach cuirear fios thugad tuilleadh (m.e. tro iomradh bho charaid).
-An dèidh 5 bliadhna, cumar d’ ainm, post-d agus seòladh IP gus leantainn air adhart a’ toirt taic do ar pròiseasan càileachd agus cuideachadh le bacadh a chur air foill.Ma ròghnaicheas tu di-chlàradh bho Survey PRAEG no air do ghluasad airson adhbhar eile, nì sinn na leanas mura h-iarr thu do dhàta a dhubhadh às (faic “Còir air dubhadh às” leis an tiotal “Do Chòraichean Prìobhaideachd”):
-Dàta pearsanta uile a chumail airson 5 bliadhna, an dèidh dhut di-chlàradh. ‘S e an t-adhbhar airson seo cuideachadh le bacadh a chur air foill agus dèanamh cinnteach nach cuirear fios thugad tuilleadh (m.e. tro iomradh bho charaid).
-An dèidh 5 bliadhna, cha bhi do dhàta air a chumail ach ma bhios feum air airson bacadh a chur air foill, air dhòigh eile thèid a dhubhadh às na siostaman uile. Aon uair ‘s gu bheil do dhàta air a dhubhadh às, cha bhi fios sam bith againn gun robh thu a-riamh nad bhall de Survey PRAEG, mar sin dh’fhaodadh fios a chur thugad a-rithist leithid tro iomradh bho charaid.
Roinn do dhàta pearsanta
Tha Survey PRAEG a’ toirt barantas gun tèid do dhàta pearsanta a chumail dìomhair agus tèarainte. Tha sinn a’ cumail clàr den dàta pearsanta a tha sibh air a thoirt dhuinn sna faidhlichean againn ach cha bhi fiosrachadh a chomharraicheas sibh gu pearsanta air a roinn le MG ALBA / BBC no air a chleachdadh nar n-aithriseachd mura h-iarr sinn cead a bharrachd air seo a dhèanamh. Ma thachras seo, bheir sinn dhuibh an-còmhnaidh am fiosrachadh uile a dh’fheumas sibh gus a bhith comasach air co-dhùnadh a bheil sibh toilichte gu leòr ur dàta a roinn san dòigh seo, agus chan fheum sibh aontachadh ri seo gus fuireach nur ball de Survey PRAEG. Cha toir sinn seachad mion-fhiosrachadh pearsanta sam bith do threas phàrtaidhean sam bith airson adhbharan reic, margaideachd no adhbhar sam bith eile nach eil air an aithris san Fhios Prìobhaideachd. A thuilleadh air sin, cha tèid do dhàta pearsanta a roinn aig àm sam bith leis na buidhnean coimhearsnachd no carthannais leis a bheil thu ag obair.
Cha roinn sinn do dhàta pearsanta aig àm sam bith le treas phàrtaidhean ach le:
- Ar solaraichean seirbheis gu h-ìosal agus airson nan adhbharan a tha sgrìobhte. Cha bhi cothrom aca ach air an uimhir as lugha de dhàta pearsanta air a bheil feum, gus a bhith comasach air an t-seirbheis shònraichte a sholarachadh dhuinn. A thuilleadh air sin, tha aontaidhean sgrìobhte againn leotha gus dèanamh cinnteach nach fhoillsich iad an dàta agad do phàrtaidh sam bith eile no a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile.
- Nuair a dh’iarras sinn ort do dhàta pearsanta a roinn (e.g. ainm, seòladh postachd, seòladh puist-d) le solaraiche na duaise mas tu buannaiche air aon de chrannchuran Survey PRAEG. Ceadaichidh seo don duais a bhith air a lìbhrigeadh dìreach thugad bhon t-solaraiche. Innsidh sinn cò an solaraiche, an dàta a bhios air a roinn, mar a thèid a chleachdadh agus do chead iarraidh gus sin a dhèanamh.
QuestionPro – suirbhidhean:
Tha dàta pearsanta uile a tha ir a thional nuair a chlàras tu airson Survey PRAEG a’ gabhail a-steach ainm, seòladh puist-d, àireamh fòn, seòladh IP is eile, air a stòradh ann an QuestionPro (a thuilleadh air ar frithealaichean tèarainte san RA). Dh’fhaodadh gum bi sinn a’ stòradh fiosrachadh pearsanta eile a tha sinn air a thional bhuat mar phàirt de shuirbhidhean eile ann an QuestionPro còmhla ri d’ fhiosrachadh clàraidh. Tha am fiosrachadh sin a’ fuireach san t-siostam mura h-iarr thu oirnn do dhàta pearsanta a dhubhadh às. Is e Giullachair Dàta a th’ ann an QuestionPro agus tha sinn gan cleachdadh gus ar pannal Survey PRAEG a stiùireadh, a’ gabhail a-steach stòradh do dhàta san t-siostam agus cruthachadh/cur suirbhidhean thugad. Tha stòradh do dhàta pearsanta ann an QuestionPro a’ ciallachadh:
- Is urrainn dhuinn suirbhidhean a chur thugad agus do fhreagairtean a thional.
- Faodaidh tu duais fhaighinn airson pàirt a ghabhail nar suirbhidhean.
- Faodaidh tu logadh a-steach don chunntas agad, fiosrachadh pearsanta sam bith ùrachadh, d’ fhacal-faire atharrachadh, do dhuaisean a thogail, agus di-chlàradh. Bidh am feart seo a’ tighinn a dh’aithghearr.
Bidh dàta pearsanta ann an QuestionPro air a stòradh san ionad dàta aca anns an EEA (An Òlaind agus a’ Ghearmailt). On is e Giullachair Dàta a th’ annta, feumaidh QuestionPro do dhàta a dhìon. Bidh QuestionPro a’ cleachdadh fo-ghiullachairean a tha stèidhichte anns an US/Innseachan, mar sin faodar faighinn gu do dhàta pearsanta no a ghluasad taobh a-muigh na RA/EEA anns na suidheachaidhean a leanas:
- Ma dhìochuimhnicheas tu fiosrachadh logaidh a-steach do làrach-lìn Survey PRAEG agus iarrtas airson facal-faire ath-stèidheachadh air post-d no teachdaireachd teacsa, thèid fiosrachadh pearsanta cuibhrichte a roinn le Twilio (stèidhichte san US) mar sin faodaidh seo tachairt.
- Faodar faighinn gu dàta ann an siostam QuestionPro le lìonra farsaing QuestionPro (aonadan an US agus Innseachan) oir tha iad a’ coimhead às dèidh bun-structar/uidheam tèarainteachd QuestionPro agus a’ cuideachadh le cùisean taic/trioblaidean. Cha tèid dàta pearsanta sam bith a luchdachadh sìos taobh a-muigh an t-siostaim.
Tha gluasadan uile taobh a-muigh an EEA/RA air an dìon le EU Standard Contractual Clauses (SCC) + UK Addendum. Nam bu mhath leat lethbhreac de Fhios Prìobhaideachd QuestionPro fhaicinn, tadhail air https://www.questionpro.com/help/privacy-policy.html. Ma tha thu aig tachartas, iarr air aon de ar trusairean lethbhreac de Fhios Prìobhaideachd QuestionPro fhaicinn.
Cur Teachdaireachdan Gnothachais Sendmode – cur air falbh theacsaichean:
Bidh sinn uaireannan a’ cur teachdaireachdan teacsa thugad mu Survey PRAEG tro Theachdaireachdan Gnothachais Sendmode. Thèid dàta pearsanta leithid d’ ainm agus àireamh fòn a stòradh ann an siostam Sendmode gus an urrainn seo tachairt. Tha d’ fhiosrachadh ga dhubhadh às an t-siostam nuair nach eil feum air tuilleadh. Anns gach teachdaireachd teacsa bidh roghainn air tarraing a-mach mura h-eil thu airson teacsaichean fhaighinn bhuainn tuilleadh. Ma roghnaicheas tu tarraing a-mach, thèid d’ ainm agus àireamh fòn a stòradh ann an Sendmode gus dèanamh cinnteach nach fhaigh thu an còrr theacsaichean bhuainn. Thèid dàta pearsanta air a stòradh ann an Sendmode a chumail ann an ionad dàta RA aca.
Is e Giullachair Dàta a th’ ann an Sendmode agus mar sin fo òrdugh do dhàta a chumail sàbhailte. Nam bu mhath leat lethbhreac fhaicinn de Fios Prìobhaideachd Sendmode, tadhail air www.sendmode.co.uk/gdpr-compliance-sendmode. Ma tha thu aig tachartas, iarr air aon de ar luchd-trusaidh lethbhreac de Fios Prìobhaideachd Sendmode fhaicinn.
Alana NicAonghais:
Thoiribh sùil air an earrann fon ainm “Alana NicAonghais” a dh’fhaicinn nan adhbharan a dh’fhaodas sinn an dàta pearsanta agaibh a roinn leatha.
Astar Media:
Thoir sùil air an earrain fon tiotal ‘Astar Media’ a dh’fhaicinn nan adhbharan a dh’fhaodas sinn do dhàta pearsanta a roinn leotha.
Gluasad dàta taobh a-muigh an EEA
Thèid do dhàta pearsanta a ghluasad eadar an RA, Sgìre Eaconamach na Roinn Eòrpa (EEA) gu sònraiuchte An Òlaind / A’ Ghearmailt, an US agus Na h-Ìnnseachan a rèir an Fhios Prìobhaideachd seo ach cha tèid a ghluasad a dh’àite sam bith eile. Chan eil dàta air a ghluasad/fhosgladh san US agus Ìnnseachan ach a-mhàin ann am beagan shuidheachaidhean cuibhrichte a rèir earrann QuestionPro agus air an dìon tro EU Standard Contractual Clauses (SCC) + UK Addendum.
Cucaidhean
Cleachd ar Fios Chucaidhean airson mion-fhiosrachadh mu na Cucaidhean a tha gan cleachdadh air làrach-lìn Survey PRAEG agus carson a tha feum orra.
Pròiseactan eile
Bidh sinn a’ ruith phròiseactan eile do Survey PRAEG bho àm gu àm far a bheil dàta a bharrachd ga thional agus /no tha sinn a’ tional an dàta airson adhbhar nach eil ainmichte sa phrìomh Fhios Prìobhaideachd aig Survey PRAEG, mar eisimpleir nuair a bhios sinn a’ ruith buidhnean fòcais. Far a bheil seo a’ tachairt, tha sinn ag iarraidh cead a bharrachd airson pàirt a ghabhail sa phròiseact shònraichte sin. Tha an leasachan Fios Prìobhaideachd fhèin aig gach diofar seòrsa pròiseact. Gheibh thu fiosrachadh an seo co-cheangailte ris a’ phròiseact agus ri atharrachaidhean sam bith air an dòigh a tha do dhàta air a thional, a chleachdadh, a stòradh, a roinn agus a dhìon. Bu chòir an leasachan Fios Prìobhaideachd a leughadh taobh ri taobh leis a’ phrìomh Fhios Prìobhaideachd. Tha na pròiseactan uile a ghabh sinn os làimh air an liostadh gu h-ìosal còmhla ris na cinn-latha air na ghabh iad àite:
Leasachan Bhuidhnean Fòcais Survey PRAEG
Cinn-latha: An Gearran 2024 agus às a dhèidh
Do chòraichean prìobhaideachd
Còir a bhith air d’ fhiosrachadh: Tha a’ chòir agad fios a bhith agad ciamar a tha TRP Research a’ tional agus a’ cleachdadh do dhàta pearsanta. Faic an earrann fon tiotal “Dàta Pearsanta” gu h-àrd airson fiosrachadh mun seo.
Còir air ruigsinneachd: Tha a’ chòir agad air cothrom fhaotainn air an dàta phearsanta agad a tha sinne a’ cumail mud dheidhinn. Nam biodh tu ag iarraidh cothrom air seo, cuir post-d thugainn aig praeg@surveypraeg.com a’ dearbhadh an fhiosrachaidh a bu mhath leat fhaicinn.
Còir air ceartachadh: Tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gu bheil an dàta pearsanta agad ceart agus àmail. Ma tha fiosrachadh sam bith aig a bheil feum air ùrachadh, cuir post-d gu praeg@surveypraeg.com gus innse dhuinn agus atharraichidh sinn ar clàran. Dh’fhaodadh gun cuir sinn fios thugad air post-d, teacsa, litir no gairm-fòn a dhearbhadh gu bheil am fiosrachadh a thug thu seachad ceart.
Còir air dubhadh-às: Tha a’ chòir agad iarraidh gun dubh sinn às an dàta pearsanta agad uile. Ma roghnaicheas tu seo a dhèanamh, cha bhi e comasach dhut com-pàirt a ghabhail ann an Survey PRAEG agus chan fhaigh thu an còrr shuirbhidhean, chreideasan no dhuaisean bhuainn. Nam bu mhath leat sinn an dàta pearsanta agad a dhubhadh às, cuir fios thugainn air post-d aig praeg@surveypraeg.com a dh’innse dhuinn. Ma thèid do dhàta pearsanta a dhubhadh às, tha seans gun cuir sinn fios thugad san àm ri teachd m.e. tro mholadh caraid oir cha bhi clàradh againn tuilleadh dhìot.
Còir air giullachd a chuibhreachadh: Ma bhios dragh sam bith ort mun dàta phearsanta agad a tha sinn a’ cumail mud dheidhinn no an dòigh san deach a ghiullachd, tha a’ chòir agad air cuibhreachadh iarraidh air giullachd an dàta agad. Nam bu mhath leat seo a dhèanamh, cuir post-d thugainn aig praeg@surveypraeg.com a dh’innse dhuinn.
Còir air gluasad dàta: Tha a’ chòir agad do dhàta pearsanta a ghluasad gu pannal rannsachaidh eile. Nam bu mhath leat sin a dhèanamh, cuir fios thugainn air post-d gu praeg@surveypraeg.com agus is urrainn dhuinn sin a dhèanamh.
Còir air gearan: Tha a’ chòir agad air gearan mu ghiullachd do dhàta pearsanta ann an suidheachaidhean àraid. Ma tha thu a’ cur an aghaidh giullachd air an dàta agad, cuir post-d thugainn aig praeg@surveypraeg.com no di-chlàraich (faic an earrann fon tiotal “Fàgail Survey PRAEG”).
Còraichean co-cheangailte ri co-dhùnaidhean is pròifileadh fèin-ghluasadach: Tha co-dhùnaidhean is pròifileadh fèin-ghluasadach a’ ciallachadh dèanamh cho-dhùnaidhean a’ cleachdadh teicneòlas às aonais duine na lùib. Chan eil Survey PRAEG a’ cleachdadh cho-dhùnaidhean is pròifileadh fèin-ghluasadach.
Faodaidh tu cuideachd iarrtas chòraichean dàta a thogail le a dhol gu foirm “Iarrtas Chòraichean Dàta” a lorgar sa chunntas Survey PRAEG agad.
Fàgail Survey PRAEG
Faodaidh tu Survey PRAEG fhàgail aig àm sam bith. Gus di-chlàradh, log a-steach don chunntas agad aig https://surveypraeg.com/, theirig gu duilleag “Mo Chunntast” agus lean an ceangal airson do chunntas a dhubhadh às, aig bonn na duilleige (an dàrna roghainn), no air post-d gu praeg@surveypraeg.com. Thèid iarrtasan di-chlàraidh a chrìochnachadh taobh a-staigh 7 latha agus aon uair ’s gu bheil e an gnìomh cha tèid fios a chur thugad tuilleadh. Cumaidh sinn clàr den fhiosrachadh pearsanta agad airson 5 bliadhna an dèidh dhut di-chlàradh airson bacadh a chur air foill agus dèanamh cinnteach nach cuirear fios thugad a-rithist (m.e. tro iomradh bho charaid). An dèidh 5 bliadhna, cha bhi do dhàta air a chumail ach ma bhios feum air airson bacadh a chur air foill, air dhòigh eile thèid a dhubhadh às na siostaman uile. Faic earrann leis an tiotal “Stòradh agus Dìon Dàta” airson barrachd fiosrachaidh mun seo.
Tha sinn a’ gleidheadh na còrach crìoch a chur air a’ bhallrachd agad le Survey PRAEG aig àm sam bith – faic ar Cumhachan is Cùmhnantan airson tuilleadh fiosrachaidh mun adhbhar a dh’fhaodadh sinn seo a dhèanamh.
Tuilleadh fiosrachaidh
Ma bhios tuilleadh fiosrachaidh a dhìth ort no gu bheil thu airson gearan a chlàradh, cuir fios thugainn aig praeg@surveypraeg.com. Tha a’ chòir agad cuideachd gearan a chlàradh le Comann Rannsachaidh Margaideachd aig www.mrs.org.uk/standards/complaint-handling/tab/how_to_complain no an ICO aig www.ico.org.uk/concerns.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun t-suirbhidh, duaisean, naidheachdan Survey PRAEG no Ceistean Bitheanta, Tadhail air an làraich-lìn againn aig www.surveypraeg.com/.
Bidh sinn ag ath-ùrachadh ar Fios Prìobhaideachd gu cunbhalach; chaidh am fios ùrachadh mu dheireadh air 26/01/2026.
