Atharrachaidhean Brosnachail air ar Siostam Dhuaisean!

 

Is fìor thoigh le sgioba Survey PRAEG duaisean a thoirt do ar buill, agus mar sin tha sinn air co-dhùnadh duaisean a thoirt dhuibh nas trice!

Bho seo a-mach, tha sinn ag atharrachadh ar siostam dhuaisean. Tha seo a’ ciallachadh, seach a bhith a’ buileachadh dhuaisean ceithir tursan sa bhliadhna, gun toir sinn duais dhuibh cho luath ’s a choisinneas sibh fiach £5 de chreideasan Survey PRAEG.  Bidh am pàigheadh ràitheil mu dheireadh agaibh san Iuchar, mus atharraich sinn chun an t-siostaim dhuaisean ùir.

Carson? Gus am faigh sibh duais nas trice! Còmhla ri creideasan a bharrachd aig amannan, faodaidh sibh ur duaisean a chosnadh nas luaithe.

Ciamar? Tha duaisean gam pàigheadh a-mach fhathast dhuibh san aon dòigh. Mas e eàrlasan do roghainn duaise no tabhartasan carthannais, cuirear iad thugad nuair a ruigeas tu 5 creideasan (£5), air Diciadain. Mas e do bhuidheann coimhearsnachd do roghainn duaise, thèid pàighidhean a chur do chunntas banca a’ bhuidhinn agad nuair a tha sibh còmhla air £50 a chosnadh. Fhad ’s a tha sibh aige, carson nach trus thu barrachd bhuill don bhuidheann coimhearsnachd agad gus an coisinn sibh pàigheadh a-mach nas luaithe?

Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig