Category: gaidhlig
Am Mòd Nàiseanta Rìoghail: Chì sinn sibh an sin!


Chì sinn sibh an sin!
Bidh sinn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2026 ann an Glaschu! Thigibh agus bruidhnibh rinn mu na tha sibh a’ coimhead air agus ag èisteachd ris – thadhlaibh air an ùrlar meadhanach aig City of Glasgow College air an 12mh agus an 13mh dhen Dàmhair 2026. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur coinneachadh!
Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig
Atharrachaidhean Brosnachail air ar Siostam Dhuaisean!


Is fìor thoigh le sgioba Survey PRAEG duaisean a thoirt do ar buill, agus mar sin tha sinn air co-dhùnadh duaisean a thoirt dhuibh nas trice!
Bho seo a-mach, tha sinn ag atharrachadh ar siostam dhuaisean. Tha seo a’ ciallachadh, seach a bhith a’ buileachadh dhuaisean ceithir tursan sa bhliadhna, gun toir sinn duais dhuibh cho luath ’s a choisinneas sibh fiach £5 de chreideasan Survey PRAEG. Bidh am pàigheadh ràitheil mu dheireadh agaibh san Iuchar, mus atharraich sinn chun an t-siostaim dhuaisean ùir.
Carson? Gus am faigh sibh duais nas trice! Còmhla ri creideasan a bharrachd aig amannan, faodaidh sibh ur duaisean a chosnadh nas luaithe.
Ciamar? Tha duaisean gam pàigheadh a-mach fhathast dhuibh san aon dòigh. Mas e eàrlasan do roghainn duaise no tabhartasan carthannais, cuirear iad thugad nuair a ruigeas tu 5 creideasan (£5), air Diciadain. Mas e do bhuidheann coimhearsnachd do roghainn duaise, thèid pàighidhean a chur do chunntas banca a’ bhuidhinn agad nuair a tha sibh còmhla air £50 a chosnadh. Fhad ’s a tha sibh aige, carson nach trus thu barrachd bhuill don bhuidheann coimhearsnachd agad gus an coisinn sibh pàigheadh a-mach nas luaithe?
Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig
Ath-sgrùdadh 2023


Tha an t-àm ann a dhol thairis air cùisean na bliadhna an-uiridh agus taing a thoirt do ar buill iongantach ann an Suirbhidh PRAEG airson ar suirbhidhean a lìonadh agus ur beachdan a roinn leinn. Tha sibh air cuideachadh le TBh, rèidio, agus meadhanan air-loidhne ann an Alba a chumadh mu choinneamh an ama ri teachd.
Tha measgachadh de dh’oidhirpean bhon dà chuid, ar buill fad-amail agus ar buill ùra ann an Suirbhidh PRAEG, a’ ciallachadh gun do bhuilich sinn sùim mìorbhaileach luach £9,934 de dh’eàrlasan bùtha ann an 2023. Tha sinn an dòchas gun do chòrd e ribh a bhith gan cosg!
Taing do ghnìomhachd ar buill, tha £578 air a thoirt do ar carthannasan ainmichte gus daoine eile ann an Alba agus an RA a chuideachadh: Age Scotland, Scottish SPCA agus Cancer Research UK. Ma bhios tu airson do sheòrsa duaise atharrachadh gu tabhartas carthannais, cuir post-d chun na sgioba againn aig praeg@surveypraeg.com.
Na dìochuimhnicheadh sinn mu ar sgeama togail-airgid coimhearsnachd. Ann an 2023, thog buill iomlan de £6,667 do bhuidhnean coimhearsnachd gnìomhach air feadh Alba – ’s math a rinn sibh uile a thog airgead do ur buidheann coimhearsnachd ionadail, comann, no buidheann spòrs sa bhliadhna a dh’fhalbh! A bheil thu fhèin no a bheil cuideigin a dh’aithnicheas tu mar phàirt de bhuidheann coimhearsnachd? Am bu thoigh leat beagan airgid a bharrachd a thogail don bhuidheann agad aig an taigh? Cuir post-d gu praeg@surveypraeg.com airson fiosrachadh mu dheidhinn mar a dh’fhaodadh Suirbhidh PRAEG do chuideachadh le d’ oidhirpean.
Bha bliadhna dhripeil againn de chrannchuran duaise, ag ainmeachadh mòran a bharrachd de bhuannaichean. Am measg nan duaisean bha Àmhainn Ooni Pizza, eàrlasan bùtha, agus cairt tiodhlaic Scotland Loves Local. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri duaisean a thoirt do mhòran a bharrachd agaibh ann an 2024. Cuimhnich air ar leantainn air ar n-ùrlaran mheadhanan sòisealta gus cumail suas ri naidheachdan mu ar crannchuran duaise ùra (@surveypraeg).
Taing do ar buill uile airson ar suirbhidhean a lìonadh agus ar cuideachadh le ar rannsachadh ann an 2023, tha sinn a’ cur meas mòr air gach aon fhreagairt – seo gu 2024!
Faigh duaisean airson ur beachdan air na meadhanan Ghàidhlig
Sgeama Buidheann coimhearsnachd


